Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùnaidh bhon iar
EXTERNAL ID
QZP40_3443_P038
ÀITE
Caisteal Dhùnaidh
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Taraghlain 's Confhadhach
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31763
KEYWORDS
caistealan
aitreabhan
Frisealaich na Mòrfhaich
Mac Shimidh
cinnidhean
aibhnichean
Seumasaich
oighreachdan
Beaufort Castle from the west

Sealladh air Caisteal Dhùnaidh bhon iar, 1814. An cùl na deilbh tha an t-aitreabh cliùiteach a bha na dhachaigh do Sheumas Friseal de Bhealadrum, agus na coilltean breagha, lìonmhor timcheall air a' chaisteal.

Tha Caisteal Dhùnaidh na sheasamh air bruaichean Abhainn Farar mu 13 mìle an iar air Inbhir Nis. B' e cathair do Fhrisealaich na Moroich a bh'ann gus an deach a reic ann an 1995. Cha deach an caisteal a th'ann an-diugh a thogail gu 1882, 's mar sin chan e sin an togalach san dealbh seo, ach tha e air aithris gur e seo an treas togalach deug air an làrach. Chaidh na caistealan a bh'ann roimhe an sgrios le airm fo Chrombail agus a-rithist fo Dhiùc Chumberland.

Bha Gilleasbaig Friseal na mhac aig Sìm, Mac Shimidh (Lord Lovat), a chaidh a chur gu bàs mar Sheumasach ann an 1747. Bha Gilleasbaig cuideachd na leth-bhràthair na b' òige do Shìm Friseal na Moroich, mac eile do Mhac Shimidh, a fhuair pàirt den oighreachd air ais bhon chrùn ann an 1774.

Tha an dealbh seo o ghrunnan a tha air an ceangal còmhla ri làmh-sgrìobhainn dhen ainm 'The Ancient and Honourable Family of Calder', à cruinneachadh Fraser-Mackintosh ann an Leabharlann Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùnaidh bhon iar

INBHIR NIS: Cill Taraghlain 's Confhadhach

1810an

caistealan; aitreabhan; Frisealaich na Mòrfhaich; Mac Shimidh; cinnidhean; aibhnichean; Seumasaich; oighreachdan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)