Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Spioradain
EXTERNAL ID
QZP40_3443_P045
ÀITE
Caisteal Spioradain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31764
KEYWORDS
caistealan
spioradan
Caisteal Bànath
Caisteal Spioradain
aibhnichean
Canàl Caledoniach
tobhtaichean
làraich
àth
Castle Spioradain

Bha Caisteal Bhànath cuideachd air ainmeachadh mar Caisteal Spioradain. Tha làrach a' chaisteil na sheasamh air tulach aig àth air Abhainn Nis eadar an Sligh'-uisge na h-Alba agus Uisge Abain, mu 200 slat an ear air taigh-solais Bona. Bha an caisteal na làraich mus deach planaichean Sligh'-uisge na h-Alba a dhealbhadh agus chaidh clachan bhunait a' chaisteil an cur fodha nuair dh'èirich an t-uisge san loch aig an àm a chaidh an coradh-uisge aig Dabhach Phùir a thogail.

Tha iad ag ràdh gur e na 'Spioradan' a tha sa chaisteal taibhsean de luchd-gèill Camshronach a chaidh an glèidheadh 's am marbhadh ann. Tha e cuideachd air aithris gu robh craobhan a bha a' fàs sna tobhtaichean a' suathadh ri chèile agus a' deanamh fuaimean mì-nadarra, neònach, agus 's dòcha gur ann as a sin a thàinig an t-ainm.

Tha an dealbh seo o ghrunnan a tha air an ceangal còmhla ri làmh-sgrìobhainn dhen ainm 'The Ancient and Honourable Family of Calder', à cruinneachadh Fraser-Mackintosh ann an Leabharlann Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Spioradain

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

caistealan; spioradan; Caisteal Bànath; Caisteal Spioradain; aibhnichean; Canàl Caledoniach; tobhtaichean; làraich; àth

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Bha Caisteal Bhànath cuideachd air ainmeachadh mar Caisteal Spioradain. Tha làrach a' chaisteil na sheasamh air tulach aig àth air Abhainn Nis eadar an Sligh'-uisge na h-Alba agus Uisge Abain, mu 200 slat an ear air taigh-solais Bona. Bha an caisteal na làraich mus deach planaichean Sligh'-uisge na h-Alba a dhealbhadh agus chaidh clachan bhunait a' chaisteil an cur fodha nuair dh'èirich an t-uisge san loch aig an àm a chaidh an coradh-uisge aig Dabhach Phùir a thogail.<br /> <br /> Tha iad ag ràdh gur e na 'Spioradan' a tha sa chaisteal taibhsean de luchd-gèill Camshronach a chaidh an glèidheadh 's am marbhadh ann. Tha e cuideachd air aithris gu robh craobhan a bha a' fàs sna tobhtaichean a' suathadh ri chèile agus a' deanamh fuaimean mì-nadarra, neònach, agus 's dòcha gur ann as a sin a thàinig an t-ainm.<br /> <br /> Tha an dealbh seo o ghrunnan a tha air an ceangal còmhla ri làmh-sgrìobhainn dhen ainm 'The Ancient and Honourable Family of Calder', à cruinneachadh Fraser-Mackintosh ann an Leabharlann Inbhir Nis