Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dabhach Phùir, sliochd de theaghlach Dhunàin
EXTERNAL ID
QZP40_3443_P046
ÀITE
Taigh Dabhach Phùir
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31765
KEYWORDS
Baillie
cinnidhean
ainmean
taighean
taighean mòra
Dabhach phùr
Seumasaich
Dochfour a branch of the Dunain family

Tha an dealbh peant-uisge seo le na facail 'Cathair nam Baillie o 1452. Phòs Alasdair Baillie Dhunàin Anne, an nighean a b' òige aig Sir Gilleasbaig Caimbeul à Clunes agus Anna, an aon nighean aig MacPhearsain Chluainidh.'

'S e Bàillidhean Dhabhach Phùir agus Bàillidhean Dhun Eathain da sgiath dhen aon theaghlach. Tha an t-ainm Bàillidh a' tighinn bhon ainm Nòrmanach Balliol. Nuair a thàinig Raibeart am Brus dhan chathair rìoghail ann an 1306 thòisich mì-chliu a' leantainn ris an ainm Balliol air sgàth a cheangal ri John Balliol, neach-tagair cathair rìoghail na h-Alba a bha dìleas dhan Rìgh Shasannach, Eideart. Dh' atharraich iomadh Balliol ainm air sgàth seo.

Tha Taigh Dabhach Phùir air a bhith na dhachaigh eachdraidheil don teaghlach Bhàillidh bho àm meadhan na 1400an. Chaidh an taigh a bh' ann bho thùs a losgadh sìos aig àm Aramach 1745 agus chaidh a thogail as-ùr ann an 1780. Tha taobh an taighe a' coimhead do Loch Nis air a dhealbhadh ann an dòigh Sheòrsaich ach tha pìosan ùra ann an stoidhle Bhioctoria agus Eideard. Bhruidhinn a' Bhan-rìgh Bhioctoria mun taigh anns na h-Irisean Gàidhealach aice agus tha an oighreachd ainmeil mar àite losgaidh ghunna.

Tha an dealbh seo o ghrunnan a tha air an ceangal còmhla ri làmh-sgrìobhainn dhen ainm 'The Ancient and Honourable Family of Calder', à cruinneachadh Fraser-Mackintosh ann an Leabharlann Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dabhach Phùir, sliochd de theaghlach Dhunàin

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Baillie; cinnidhean; ainmean; taighean; taighean mòra; Dabhach phùr; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)