Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Narann
EXTERNAL ID
QZP40_3443_P047
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
1804
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31766
KEYWORDS
bailtean
Bhictorianaich
àitichean luchd-tadhail
iasgach
rathaidean-iarainn
trèanaichean
spàthan
Nairn

'Inbhir Narann le làrach a shean chaisteil eadar an eaglais agus an drochaid ann an 1804'.

Tha baile Inbhir Narann air oir a deas an Linne Mhoireibh mu 16 mìle bho Inbhir Nis. 'S e a' phàirt as ùire dheth am baile turasachd bho àm Bhioctoria a dh'fhàs suas timcheall air a' Bhail'-iasgaich, a bh'ann roimhe, nuair a dh'fhosgail an rathad-iarainn bho Inbhir Nis ann an 1855.

Tharraing am baile mòran luchd-tadhail an àm Bhioctoria nuair a chòrd e riutha mar spàtha slàinte air sgàth nan leigheasan slàinte a bh'ann an sàl na mara san sgìre.

Mus tàinig an rèile, bha Inbhir Narann na bhaile tuathanais agus na mhargaid na b' fhaide bhon chost nam Bail'-iasgaich. Tha a h-uile coltas gu robh am Bail'-iasgaich na àite iasgairean a thàinig à Nirribhidh 's a dh'fhuirich ro 1000 AD. Bha measgachadh de Ghàidheil le Gàidhlig agus daoine on ear-thuath le Beurla ann an Inbhir Narann. Tha e air aithris gun tuirt Seumas VI nach robh baile eile na Rìoghachd far am bruidhneadh daoine aig aon cheann na sràide cànan eile bho na daoine aig a' cheann eile.

Bha caisteal ann an Inbhir Narann a chaidh a thogail sna 1100an agus a chaidh a leagail ann an 1585. Chan eil comharra sam bith air làrach a' chaisteil an-diugh ach ann an ainm a'cheàrnain a tha am meadhan a'bhaile.

Tha an dealbh seo o ghrunnan a tha air an ceangal còmhla ri làmh-sgrìobhainn dhen ainm 'The Ancient and Honourable Family of Calder', à cruinneachadh Fraser-Mackintosh ann an Leabharlann Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Narann

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

1800an

bailtean; Bhictorianaich; àitichean luchd-tadhail; iasgach; rathaidean-iarainn; trèanaichean; spàthan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)