- TIOTAL
- Ùisdean Mac a' Mhuilleir
- EXTERNAL ID
- QZP40_21935_P460A
- DEIT
- 1893
- LINN
- 1840an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31767
- KEYWORDS
- Ùisdean Mac a' Mhuilleir
daoine ainmeil
geòlaichean
sgrìobhaichean
fosailean
creideamh
luchd-naidheachd

Rugadh Ùisdean Mac a' Mhuilleir ann an Cromba ann an 1802. Bhàsaich athair, a bha na chaiptean mara, nuair a bha Ùisdean 5, ach dh'fhàg e airgead gu leòr airson foghlam a mhic.
Thòisich Ùisdean a chùrsa-beatha mar chlachair, ach nuair a rinn duslach na cloiche cron air na sgamhain aige, dh'obraich e mar chlachair charraighean cuimhne is an uairsin mar chlàrc banca ann an Dùn Èideann. Bha ùidh aige ann an geòlas, is dh'fhoillsich e leabhraichean mun chuspair. Nuair a bha e ann an Dùn Èideann, thòisich càirdeas eadar e fhèin is Ruairidh MacMhuirich, an geòlasaiche.
'S e cùisean eaglaiseil a' phrìomh ùidh eile a bh'aig Ùisdean. B' e deasaiche an iris shoisgeulaich 'The Witness' is b' e fear de na ceannardan air taobh na h-Eaglaise Shaoire aig àm an Dealachaidh ann an 1843. Bha na beachdan cràbhach aige an aghaidh nam beachd-smuaintean mu mheanbh-chinneas a bha a' tighinn am follais.
Thug uallach is strì na bheatha is na obair, is na droch sgamhain aige, buaidh air, is chuir Ùisdean às dha fhèin ann an 1856, nuair a bha e a' fulang le trom-inntinn.
Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Annals of the Disruption; with extracts from the narratives of Ministers who left the Scottish Establishment in 1843', leis an Urr Tòmas MacGilleDhuinn (1893)