Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' toirt na h-Eaglais Iarainn gu Loch Suaineart
EXTERNAL ID
QZP40_21935_P656A
ÀITE
Sròn an t-Sìthein
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
DEIT
1893
LINN
1840an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31768
KEYWORDS
eaglais-sheòlaidh
bàtaichean
eaglaisean
togalaichean
an Dealachadh
Eaglais Shaor
clèireachd
cùl-taic
ministearan
Towing the Iron Church into Loch Sunart

Bha Achd Chùl-taic 1712 a' feuchainn ri siostam cùl-taic a thoirt air ais gu Eaglais na h-Alba. Bha seo a' ciallachadh gur e an t-uachdaran-fearainn ionadail, no an Neach-taic, a thaghadh ministear airson na h-eaglais, is chan e na daoine. Cha robh seo idir a' còrdadh ri coithionalan, oir cha robh math na h-eaglaise aig an neach-taic san amharc uabhasach tric. Dh'adhbhraich a' chomhstrì seo sgaradh san eaglais ann an 1843. Choisich mu 500 ministear a-mach à Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba a chum Eaglais na h-Alba Saor a stèidheachadh (chaidh an t-ainm atharrachadh gu Eaglais Shaor na h-Alba a-rithist).

Bha obair chruaidh air thoiseach air An Eaglais Shaoir, oir bha aca ri eaglaisean, mansaichean, sgoiltean is ministearan fhaighinn airson nan coithionalan uile. Bha na trioblaidean seo nas miosa le uachdarain-fearainn ionadail nach robh airson talamh a thoirt dhan eaglais ùr a chum togalaichean a dhèanamh. Chaidh iomadh seirbheis a chumail a-muigh. Cha robh talamh aig muinntir Shròn an t-Sithein airson eaglais a thogail. 's mar sin chruinnich iad £1,400 is thog iad eaglais a bha a' seòladh. Ghabhadh an eaglais suas ri 750 duine is bha i air acair ann an Loch Suaineart.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Annals of the Disruption; with extracts from the narratives of Ministers who left the Scottish Establishment in 1843', leis an Urr Tòmas MacGilleDhuinn (1893)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' toirt na h-Eaglais Iarainn gu Loch Suaineart

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

1840an

eaglais-sheòlaidh; bàtaichean; eaglaisean; togalaichean; an Dealachadh; Eaglais Shaor; clèireachd; cùl-taic; ministearan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Bha Achd Chùl-taic 1712 a' feuchainn ri siostam cùl-taic a thoirt air ais gu Eaglais na h-Alba. Bha seo a' ciallachadh gur e an t-uachdaran-fearainn ionadail, no an Neach-taic, a thaghadh ministear airson na h-eaglais, is chan e na daoine. Cha robh seo idir a' còrdadh ri coithionalan, oir cha robh math na h-eaglaise aig an neach-taic san amharc uabhasach tric. Dh'adhbhraich a' chomhstrì seo sgaradh san eaglais ann an 1843. Choisich mu 500 ministear a-mach à Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba a chum Eaglais na h-Alba Saor a stèidheachadh (chaidh an t-ainm atharrachadh gu Eaglais Shaor na h-Alba a-rithist).<br /> <br /> Bha obair chruaidh air thoiseach air An Eaglais Shaoir, oir bha aca ri eaglaisean, mansaichean, sgoiltean is ministearan fhaighinn airson nan coithionalan uile. Bha na trioblaidean seo nas miosa le uachdarain-fearainn ionadail nach robh airson talamh a thoirt dhan eaglais ùr a chum togalaichean a dhèanamh. Chaidh iomadh seirbheis a chumail a-muigh. Cha robh talamh aig muinntir Shròn an t-Sithein airson eaglais a thogail. 's mar sin chruinnich iad £1,400 is thog iad eaglais a bha a' seòladh. Ghabhadh an eaglais suas ri 750 duine is bha i air acair ann an Loch Suaineart.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Annals of the Disruption; with extracts from the narratives of Ministers who left the Scottish Establishment in 1843', leis an Urr Tòmas MacGilleDhuinn (1893)