Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Map de Sgoiltean nam Ban sa Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan
EXTERNAL ID
QZP40_21935_P690A
ÀITE
Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan
DEIT
1893
LINN
1890an
CRUTHADAIR
W & A K Johnston
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31769
KEYWORDS
eaglaisean
Dealachadh
Eaglais Shaor
Eaglais Stèidhichte
clèireachd
mapaichean
zoomable
deilbh leudachail

Tha am map seo a' sealltainn 'the localities occupied by the Ladies' Schools in the Highlands and Islands of Scotland.'

Chaidh Comann Mhnathan Dhùn Èideann a stèidheachadh ann an 1850. Bha e airson taic a thoirt gus Sgoiltean na h-Eaglaise Saoire a stèidheachadh sa Ghàidhealtachd. A bharrachd air taic a thoirt do dh'fheuman eaconomach, innteachail is spioradail an t-sluaigh, bheireadh na sgoiltean cothrom do dh'fhir òga le Gàidhlig a dhol a-steach dhan mhinistrealachd. Bhiodh na h-oileanaich aig clasaichean sa gheamhradh, ach on Ghiblean dhan fhoghar bhiodh iad a' teagasg ann an sgoiltean na h-Eaglaise Saoire air a' Ghàidhealtachd.

Dh'fhiach Achd a' Chùl-taice (Patronage Act) ann an 1712 ri siostam cùl-taice a chur air ais ann an Eaglais na h-Alba. Bha seo a' ciallachadh gum biodh an t-uachdaran ionadail, is chan e an sluagh, a' taghadh ministear na h-eaglaise. Cha do chòrd seo idir ris na coithionalan, oir gu math tric cha b' ann air feuman a' choithionail a bhiodh smuaintean an uachdarain. Ann an 1843, dh'adhbharaich a' chomhstrì seo sgaradh san eaglais. Dh'fhàg faisg air 500 ministear Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba gus Eaglais na h-Alba Saor ('s e Eaglais Shaor na h-Alba a bh'oirre a-rithist) a chur air bhonn.

Bha obair mhòr air thoiseach air an Eaglais Shaor gus eaglaisean, mansaichean, sgoiltean is ministearan a thoirt do gach coithional.

Tha am map seo on leabhar 'Annals of the Disruption; with extracts from the narratives of Ministers who left the Scottish Establishment in 1843', leis an Urr Tòmas Mac illeDhuinn (1893)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Map de Sgoiltean nam Ban sa Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan

1890an

eaglaisean; Dealachadh; Eaglais Shaor; Eaglais Stèidhichte; clèireachd; mapaichean; zoomable; deilbh leudachail

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)