Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Seumas MacNeacail mu àm deireadh a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_BF05_TRACK05_NICOLSON_GAELIC
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
James Nicolson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3177
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
Feuchdan Armaichte
arm
claistinneach

Get Adobe Flash player

A bheil cuimhn' agaibh air deireadh a' chogaidh?

Tha. Tha cuimhn' agam air deireadh, nuair a sguir an cogadh. Bha sinn shuas an ceann a tuath an Eadailte is bha sinn a' cluinnteil stòrannan is rumours a' dol mun cuairt gu robh an cogadh a' dol a - gu robh e a' tighinn gu ceann, agus oidhche no dhà mus do sguir an cogadh, och bha sinn cinnteach gu robh e gu bhith seachad. Is bha sinn a h-uile h-oidhche, cha robh sinn a' dol a chadal no càil, timcheall nar suidhe timcheall air na radio sets a bh' aig na signallers ag èisteachd ris na naigheachdan a' tighinn a-staigh. Agus cho fad 's is cuimhne leam, tha mi smaoineachadh gu robh e suas mu mheadhan-oidhche, thàinig fios gu robh an cogadh seachad. Agus chaidh na gunnaichean a thoirt a-mach, na gunnaichean mòra a bh' againn, twenty-five pounders, agus chaidh blanks a chur annta, blank cartridges, agus chaidh na gunnaichean a chur dheth. Agus an uairsin thug an t-oifigear a bha in charge an sin, thug e dhuinn an t-òrdugh 'Cease fire!' Agus an uairsin bha sin an cogadh seachad dhuinne san Eadailt. Ach bha e a' dol air adhart sna h-Ìnnsean. Agus nuair a thug iad a-nall sinn às an Eadailt gu ruig Breatainn a-rithist is thòisich sinn air treanadh airson a dhol a-null gu na h-Ìnnsean.

Thàinig sinn air ais gu ruig Sasainn co-dhiù às an Eadailte agus fhuair sinn leave às a sin nuair a thàinig sinn a-nall. Roimhe sin, bha na - feumaidh gun d'fhuair - fhuair sinn leave is chaidh sinn air-ais is thòisich sinn air treanadh airson a dhol a-mach gu na h-Ìnnsean, is bha sinn a' treanadh air gliders. Bha iad ag ràdh gun toireadh iad a-mach ann am pleanaichean is ann an gliders sinn a-mach gu na h-Ìnnsean - chan eil fhios 'am ciamar a bha iad a' dol a dhèanamh sin ach sin an idea a bh' ac aig an àm. Agus aig an àm sin nuair a bha sinn a' treanadh air na gliders a bha iad seo fhuair sinn embarkation leave is thàinig mise dhachaigh air an leave a bha sin. Agus fhad s' - an t-seachdain a bha mi aig an taigh tha cuimhn' agam air bhan, bhan Lipton mar a chanadh iad aig an àm sin, bùth Lipton ann am Portrìgh. 'S e draibhear aig bhan Lipton a thug an naigheachd suas dhan a'Bhràighe gun do leag iad am bomb a bha seo air Hiroshima. Agus chuir iad an uairsin, leag iad bomb eile air baile mòr eile ann an Japan. Agus bha an cogadh seachad le siud. Sin agad mar a bha e. Ach chaidh mise a chur air ais a Shasainn a-rithist is chaidh ar cur a-null dha na h-Ìnnsean is dh'fhàg iad ann a shiud sinn airson bliadhna. Agus chaidh sinn gu ruige Bombay, is an uairsin air an trean às Bombay suas dhan a North West Frontier is tha mi 'smaoineachadh gun tug sin dhà no trì làithean - 's e àite mòr, mòr a th' ann an India, dùthaich mhòr. Agus bha sinn shuas an sin air an North West Frontier airson suas ri bliadhna.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Phort Righ.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Seumas MacNeacail mu àm deireadh a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; Feuchdan Armaichte; arm; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)