Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Seann Dhrochaig Cloiche, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_273369_011
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
Pierre Delavault
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31770
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
drochaidean
caistealan
aibhnichean
The Old Stone Bridge, Inverness

Tha an dealbh seo den t-seann dhrochaid cloiche thar Abhainn Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).

Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ mìneachadh gun deach an drochaid cloiche a thogail ann an 1685 an àite na tè fhiodha a bha air tuiteam fichead bliadhna roimhe sin. Thàinig cuid de na clachan a chaidh a chleachdadh à Daingneach Chrombail. Bha seachd boghachan anns an drochaid ùr, agus eadar dhà dhiubh chaidh seilear a thogail gus a chleachdadh mar phrìosan. Chaidh an drochaid seo a shiabadh air falbh le tuiltean ann an 1849.

Thathas cuideachd a’ dèanamh iomradh air an 'Castle Tolmie' tùsail, an taigh mu dheireadh an taobh tuath Sràid na Drochaide. Chaidh a leagail ann an 1852 gus àite a dhèamh dha rathad chun an drochaid crochaidh ùr.

Tha an Caisteal fhèin air Cnoc a; Chaisteil cuideachd air a chomharrachadh. Chaidh an togalach tùsail a thogail ann an1834 agus chaidh leudachadh prìosain a chur ris ann an 1846. Ann an 1967 sgrìobh Eveline Barron mu dheidhinn: 'The Castle is now the Sheriff Court-house and the former jail contains the headquarters of the County Police; the County Hall, wherein the County Council meets; and the headquarters of the County Library.'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Seann Dhrochaig Cloiche, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

dealbhan; ealain lèirsinneach; drochaidean; caistealan; aibhnichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)