Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seann Ionad Ghòrdain, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_273369_014
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1900
LINN
1900an
CRUTHADAIR
Pierre Delavault
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31771
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
taighean
sràidean
Old Gordon Place, Inverness

Tha an dealbh seo de Sheann Ionad Ghòrdain ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).

Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ mìneachadh gun robh Abhainn Nis a’ sruthadh tòrr na b’ fhaisge air bonn Sràid na Drochaide na tha i a-nis. Bha gàrraidhean beaga air beulaibh nan taighean ann an Ionad Ghòrdain ag aomadh sìos gu bruaich na h-aibhne ach chaidh iad sin an ìre mhath à sealladh nuair a chaidh an rathad àrdachadh gus am faodadh an drochaid crochaidh a bhith air a togail ann an 1855.

Nuair a chaidh na taighean ann an Ionad Ghòrdain a leagail aig toiseach na 20mh linn, thàinig grunnan chlachan inntinneach am follais, nam measg seann àrd-dhoras leis an deit ‘1604’ air a shnaigheadh air. Dh’ath- bheothaich an togalach a chaidh a thogail an àite nan taighean sin an t-seann ainm 'Castle Tolmie', a bha air a chleachdadh bho thùs airson togalach a chaidh a leagail na bu thràithe air taobh tuath Sràid na Drochaide. Chaidh an 'Castle Tolmie' ùr a leagail ann an 1959 gus an drochaid crochaidh a leagail agus ghabh drochaid concrait le trì boghachan a h-àite agus chaidh a fosgladh ann an1961.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seann Ionad Ghòrdain, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

dealbhan; ealain lèirsinneach; taighean; sràidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)

Tha an dealbh seo de Sheann Ionad Ghòrdain ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).<br /> <br /> Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ mìneachadh gun robh Abhainn Nis a’ sruthadh tòrr na b’ fhaisge air bonn Sràid na Drochaide na tha i a-nis. Bha gàrraidhean beaga air beulaibh nan taighean ann an Ionad Ghòrdain ag aomadh sìos gu bruaich na h-aibhne ach chaidh iad sin an ìre mhath à sealladh nuair a chaidh an rathad àrdachadh gus am faodadh an drochaid crochaidh a bhith air a togail ann an 1855.<br /> <br /> Nuair a chaidh na taighean ann an Ionad Ghòrdain a leagail aig toiseach na 20mh linn, thàinig grunnan chlachan inntinneach am follais, nam measg seann àrd-dhoras leis an deit ‘1604’ air a shnaigheadh air. Dh’ath- bheothaich an togalach a chaidh a thogail an àite nan taighean sin an t-seann ainm 'Castle Tolmie', a bha air a chleachdadh bho thùs airson togalach a chaidh a leagail na bu thràithe air taobh tuath Sràid na Drochaide. Chaidh an 'Castle Tolmie' ùr a leagail ann an 1959 gus an drochaid crochaidh a leagail agus ghabh drochaid concrait le trì boghachan a h-àite agus chaidh a fosgladh ann an1961.