Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh na Banrigh Màiri, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_273369_017
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1902
LINN
1900an
CRUTHADAIR
Pierre Delavault
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31772
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
taighean
taighean baile
Queen Mary's House, Inverness

Tha an dealbh seo de Thaigh na Banrigh Màiri ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).

Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ mìneachadh gun robh Taigh na Banrigh Màiri suidhichte aig oisean Sràid na Drochaide, le aghaidh gu Abhainn Nis. Bha 'Castle Tolmie' eadar e agus an abhainn ach chaidh seo a chuir ri talamh nuair a thogadh an drochaid crochaidh ann an 1852.

Tha an t-ainm, Taigh na Banrigh Màiri, a’ tighinn bho bheul-aithris gun do dh’fhuirich Màiri, Banrigh na h-Alba, an sin sin rè turais ann an 1562. Ann an 1787, chaidh atharrachaidhean agus càradh a dhèanamh le Uilleam Inglis à Muilnean an Rìgh, leis an robh e. Aig an àm sin bha Mgran Friseal, MacUilleim & Co, Marsantan Fìona ann. Chaidh an gnothachas a cheannach le diofar mharsantan fìona an dèidh sin, oir bha tighead nam ballachan a’ toirt teòthachd chothromach a bha glè fhreagarrach airson a bhith a’ stòradh fìon.

Ann an 1967, nuair a chaidh 'Old Inverness' fhoillseachadh, bhathas a’ bagairt Taigh na Banrigh Màiri a leagil. Gun teagamh, chaidh a leagail ann an 1968 airson àite a dhèanamh dha oifisean Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, ged a chaidh na seilearan a ghleidheadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh na Banrigh Màiri, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

dealbhan; ealain lèirsinneach; taighean; taighean baile

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)