Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seann Talla a’ Bhaile, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_273369_023
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
Pierre Delavault
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31774
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
tallaichean baile
taighean baile
togalaichean bailteach
The Old Town Hall, Inverness

Tha an dealbh seo de Sheann Talla a’ Bhaile ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).

Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ clàradh gun deach Seann Talla a’ Bhaile a thogail ann an 1709 agus a leagail ann 1878 airson àite a dhèanamh dha talla ùr. Tha an dealbh ga shealltainn anns na bliadhnachan mu dheireadh. Tha an t-ùrlar grunnd air a chleachdadh mar seòmar leughaidh poblach; bha Seòmar na Comhairle air an ùrlar sa mheadhan; agus bha an t-ùrlar àrd 'appropriated to the Guildry'.

Tha ar n-aire air a tharraing gu oisean dheis an togalaich, a bha na thogalach air leth, a chaidh a thogail mar thaigh baile dha Foirbeisean Chùil Lodair. Bha e air atharrachadh gu taigh-òsta an dèidh sin agus bha e air a chleachdadh le Diùc Chumberland an dèidh Blàr Chùil Lodair. Chaidh an Talla Baile ùr a thogail air an aon làrach, na mheasg an seann taigh-òsta, agus chaidh fhosgladh le Diùc Dhùn Èideann ann an 1882.

Ann an 1967, nuair a chaidh 'Old Inverness' fhoillseachadh, bha molaidhean ann gum bu chòir roinnean rianachd a’ bhail a ghluasad thar na h-aibhne gu Cùirt Edein, far an robhas an dùil ionad coimhearsnachd le tallaichean cho-labhairt agus chonsairtean a thogail. Bhathas an dòchas, ge-tà, Seòmar na Comhairle a ghleidheadh airson coinneamhan Comhairle, a’ toirt an aire gur e seo an aon àite taobh a-muigh Lunnainn anns an robh coinneamh Caibeanait: air 7 An t-Sultain 1921 nuair a bha am Prìomhaire Llyod George air soar-làithean sa Ghàidhealtachd agus a bha an 'Irish Question' ag iarraidh coimhead ris gu grad.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seann Talla a’ Bhaile, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

dealbhan; ealain lèirsinneach; tallaichean baile; taighean baile; togalaichean bailteach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)