Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Obar Thairbh, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_273369_035
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1901
LINN
1900an
CRUTHADAIR
Pierre Delavault
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31778
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
taighean
Abertarff House, Inverness

Tha an dealbh seo de Thaigh Obar Thairbh ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (1903).

A-rèir a’ chunntais air an duilleag ron seo san leabhar, tha Taigh Obar Thairbh air a bhith air a mhì-ainmeachadh, ann am pàirt air sgàth a shuidheachadh ann an Clobhsa Obar Thairbh, agus ann am pàirt oir bha e uair le Còirneal Gilleasbaig Friseal na Moroich aig an robh oighreachdan Obar Thairbh cuideachd. Le staidhre chearcallach, ’s e an aon eisimpleir a tha air fhàgail ann an Inbhir Nis de stoidhle taighe a bha cumanta air feadh Alba aig deireadh na 17mh linn agus toiseach na 18mh linn.

Uaireigin an dèidh 1801, cheannaich Gilleasbaig Friseal na Moroich an togalach bho Mhgr Suter, athair ùghdar 'Memorabilia of Inverness', agus bha esan air a cheannach bho Mgr Warrand à Warrandfield. Thathas den bheachd gun do cheannaich ‘Old Archie’, air an robh eagal mòr bho ionnsaigh Frangach, an taigh anns an robh staidhre chun na h-aibhne, gus am faigheadh e air teiche chun na Manachainn nan tigeadh na Frangaich air tìr.

An deidh sin bha an taigh ann an sealbh a’ Bhanca Malairteach, agus, mar Bhanca Malairteach na h-Alba, thug iad dhan Urras Nàiseanta e ann an 1963. Thathas air a dhèanamh suas às ùr on uair sin agus bha e air a thoirt air mhàl dhan Chomunn Gàidhealach airson greis mar a phrìomh-oifis sa cheann a tuath.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Obar Thairbh, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

dealbhan; ealain lèirsinneach; taighean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)