Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ospadal Dhunbar, Sràid na h-Eaglais, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_273369_038
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
Pierre Delavault
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31779
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
taighean-deirce
taighean nam bochd
Dunbar's Hospital, Inverness

Tha an dealbh seo de dh’Ospadal Dhunbar air Sràid na h-Eaglais ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).

Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ comharrahadh gur e Ospadal Dunbar aon de na togalaichean as aosta ann an Inbhir Nis, a’ dol air ais gu 1668. Chaidh a thogail agus a bhuileachadh mar ospadal carthannais leis a’ Phrbhast Alasdair Dunbar. Thar nam bliadhnachan tha e air a bhith air a chleachdadh airson iomadh adhbhar, nam measg taigh nam bochd, mar thaigh-cothromachaidh agus mar sgoil ghràmair. Aig aon àm bha dà sgoil ann oir, a thuilleadh air an Sgoil Ghràmair, ann 1727 thòisichear a’ cleachdadh an tras ùrlar mar an Sgoil Raining, le airgead air a thoirt airson seo le Iain Raining, marsanta à Norwich. Thathas a’ toirt fiosrachadh goirid mu eachdraidh Sgoil Raining, an Sgaoil Ghràmair agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis.

Anns an 18mh linn bha leabharlann ann an Ospadal Dhunbar agus bha e air a chleachdadh mar stòr airson nithean cho eadar-dhealaichte ri lìon agus a’ chroich. Bha diofar luchd-gabhaltais ann an dèidh sin gu, ann an 1963, a dh’fhosgail Comhairle a’ Bhaile an ùrlar grunnd mar ionad cùraim latha dha seann daoine.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ospadal Dhunbar, Sràid na h-Eaglais, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

dealbhan; ealain lèirsinneach; taighean-deirce; taighean nam bochd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)