Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid nam Manach, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_273369_041
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
Pierre Delavault
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31780
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
sràidean
togalaichean
eaglaisean
Friar's Street, Inverness

Tha an dealbh seo de Shràid nam Manach ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (1903).

Tha an teacsa air an duilleag ron seo den leabhar a’ toirt tuairisgeul air an t-sealladh a’ coimhead gu deas a-null Sràid nam Manach, leis an inntrigeadh gu Cladh nam Manach Liath air an làimh chlì agus tùr an t-Seann Àrd Eaglais ann an cùl an deilbh. B’ e Cnoc an Naomh Mìcheal a bha air an talamh air a bheil an t-Seann Àrd Eaglais ron Ath-leasachadh. Thathas a’ cur a’ bheachd an cèill gur e tùr na h-eaglaise an togalach as aosta ann an Inbhir Nis agus gur e pàirt de Sheann Eaglais na Paraiste a bh’ ann.

Ann a bhith a’ toirt taic dhan argamaid seo, thathas a’ toirt tuilleadh fiosrachaidh mu eaglaisean faisg air làimh. Chaidh an Eaglais Ghàidhlig (air an robh Eaglais an Naomh Moire agus an uair sin Eaglais Shaor nam Manach Liath) a thogail ann an 1706 agus ath-thogail ann an1790. Tha an t-Seann Àrd Eaglaiis a th’ ann an-diugh a’ dol air ais gu 1770. Thathas den bheachd gun deach an dà eaglais sin a thogail air làrach àrsaidh Eaglais an Naomh Moire, agus dh’fhaodadh gun robh tùr na h-eaglaise na pàirt tùsail den sin, ged a tha am pìos as àirde dheth air cur-ris nas ùire fhaighinn.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid nam Manach, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

dealbhan; ealain lèirsinneach; sràidean; togalaichean; eaglaisean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)