Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àite-adhlacaidh Teaghlach nan Innseagan, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_273369_050
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1901
LINN
1900an
CRUTHADAIR
Pierre Delavault
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31783
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
cladhan
àiteachan adhlacaidh
gàrraidhean eaglais
Inshes Family Burying Place, Inverness

Tha an delabh seo de dh’àite-adhlacaidh Clann MhicDonnchaidh nan Innseagan ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).

Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ comharrachadh gun robh 'the curious old burial place' aig teaghlach nan Innseagan suidhichte faisg air geata cladh na Seann Àrd Eaglais. Chaidh a thogail ann an 1663 le Seònaid Nic na Ceàrdaich, màthair Uillean MacDhonnchaidh nan Innseagan.

B’ ann le Seònaid Nic na Ceàrdaich a bha a’ ‘Chùbaid Dhùbh’ bho thùs, de thogail Dùitseach bho thùs a b’ àbhaist a bhith anns an eaglais Ghàidhlig, an dèidh sin Eaglais Shaor nam Manach Liath. Ann an 1676 chaidh a’ chùbaid a thoirt mar thiodhlac do Sheisean na h-Eaglais airson Inbhir Nis le Uilleam MacDhonnchaidh, an àite dà shuidheachan san eaglais.

Taobh a-staigh àite adhlacaidh nan Innseagan tha clach cuimhneachaidh dha Hugo MacDhonnchaidh leis a’ cheann-latha ‘1703’.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àite-adhlacaidh Teaghlach nan Innseagan, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

dealbhan; ealain lèirsinneach; cladhan; àiteachan adhlacaidh; gàrraidhean eaglais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)