Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geata na Banrigh, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_273369_053
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
Pierre Delavault
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31784
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
sràidean
togalaichean
eaglaisean
Queensgate, Inverness

Tha an dealbh seo de Gheata na Banrigh ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).

Anns an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo, thathas a’ toirt an aire gun robh frith-rathad a’ dol a-null far a bheil Geata na Banrigh an-diugh bho thaobh an Loch Gorm (ri taobh Rathad Allt a' Mhuilinn) chun na h-aibhne. Thathas a’ creidsinn gun do mharcaich a’ Bhanrigh Màiri air am frith-rathad seo nuair a thadhail i air Inbhir Nis, ’s mar sin an t-ainm 'Queensgate'. Chaidh a’ chuid mhòr den t-sràid a th’ ann an-diugh a thogail anns na 1890an. Airson iomadh bliadhna ron sin, bha gàrradh anns an robh craobh peur a bha sònraichte math air an làrach agus bha na measan a’ toirt ùrachadh san t-seusan dha clann-sgoile nan sgoiltean ionadail.

Canar banca ris an togalach sa mheahdan ann an cùl an deilbh, agus buinidh an stìopall do Àrd Eaglais na h-Alba Cholm Cille, a chaidh fhosgladh ann an 1852 mar Eaglais Shaor Shasainn, agus cha b’ fhada gun robh i aithnichte mar an Àrd Shaor. An dèidh an Aonadh eadar na h-Eaglaisean Saor Chlèireach agus Aonaichte ann an 1900, b’ e an Eaglais Shaor Aonaichte a bh’ oirre, agus ghabh I an t-ainm a th’ oirre an-diugh ann an 1929 an dèidh an t-Aonadh eadar an Eaglais Shaor Aonaichte agus an Eaglais Stèidhichte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geata na Banrigh, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

dealbhan; ealain lèirsinneach; sràidean; togalaichean; eaglaisean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)

Tha an dealbh seo de Gheata na Banrigh ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).<br /> <br /> Anns an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo, thathas a’ toirt an aire gun robh frith-rathad a’ dol a-null far a bheil Geata na Banrigh an-diugh bho thaobh an Loch Gorm (ri taobh Rathad Allt a' Mhuilinn) chun na h-aibhne. Thathas a’ creidsinn gun do mharcaich a’ Bhanrigh Màiri air am frith-rathad seo nuair a thadhail i air Inbhir Nis, ’s mar sin an t-ainm 'Queensgate'. Chaidh a’ chuid mhòr den t-sràid a th’ ann an-diugh a thogail anns na 1890an. Airson iomadh bliadhna ron sin, bha gàrradh anns an robh craobh peur a bha sònraichte math air an làrach agus bha na measan a’ toirt ùrachadh san t-seusan dha clann-sgoile nan sgoiltean ionadail.<br /> <br /> Canar banca ris an togalach sa mheahdan ann an cùl an deilbh, agus buinidh an stìopall do Àrd Eaglais na h-Alba Cholm Cille, a chaidh fhosgladh ann an 1852 mar Eaglais Shaor Shasainn, agus cha b’ fhada gun robh i aithnichte mar an Àrd Shaor. An dèidh an Aonadh eadar na h-Eaglaisean Saor Chlèireach agus Aonaichte ann an 1900, b’ e an Eaglais Shaor Aonaichte a bh’ oirre, agus ghabh I an t-ainm a th’ oirre an-diugh ann an 1929 an dèidh an t-Aonadh eadar an Eaglais Shaor Aonaichte agus an Eaglais Stèidhichte.