Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean sa Chrùn, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_273369_059
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
Pierre Delavault
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31786
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
taighean
Cottages on the Crown, Inverness

Tha an dealbh seo de thaighean ann an sgìre a’ Chrùin ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).

Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ clàradh gun robh bho 1794, an làrach air a bheil na taighean le diofar thuathanaich agus luchd-ciùird, gus an d’fhuair urrasairean Eaglais Shaoir a’ Chrùin e ann an 1897 agus a thog iad eaglais an sin. Bho 1929 ‘s e Eaglais Alba a’ Chrùin a th’ air a bhith air an togalach seo.

Os cionn nan taighean chithear tùr a bhuineadh dhan Àrd Sgoil. Bha an sgoil thùsail a’ toirt seirbheis dha sgìre a’ Chrùinvagus chaidh a fosgladh leis an Eaglais Shaor ann an Sràid Àird Chonail ann an 1847 ach nuair a chaidh an sgoil a ghluasad chun an togalach leis an tùr mu 40 bliadhna an dèidh sin, thug an Eaglais Shaor seachad dha Bòrd an Fhoghlaim i. Ann an 1937 gluais an Àrd Sgoil a roinn àrd sgoile gu Montague Row agus b’e Bun-sgoil a’ Chrùin a bh’ air an togalach.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean sa Chrùn, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

dealbhan; ealain lèirsinneach; taighean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)

Tha an dealbh seo de thaighean ann an sgìre a’ Chrùin ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).<br /> <br /> Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ clàradh gun robh bho 1794, an làrach air a bheil na taighean le diofar thuathanaich agus luchd-ciùird, gus an d’fhuair urrasairean Eaglais Shaoir a’ Chrùin e ann an 1897 agus a thog iad eaglais an sin. Bho 1929 ‘s e Eaglais Alba a’ Chrùin a th’ air a bhith air an togalach seo.<br /> <br /> Os cionn nan taighean chithear tùr a bhuineadh dhan Àrd Sgoil. Bha an sgoil thùsail a’ toirt seirbheis dha sgìre a’ Chrùinvagus chaidh a fosgladh leis an Eaglais Shaor ann an Sràid Àird Chonail ann an 1847 ach nuair a chaidh an sgoil a ghluasad chun an togalach leis an tùr mu 40 bliadhna an dèidh sin, thug an Eaglais Shaor seachad dha Bòrd an Fhoghlaim i. Ann an 1937 gluais an Àrd Sgoil a roinn àrd sgoile gu Montague Row agus b’e Bun-sgoil a’ Chrùin a bh’ air an togalach.