Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Màiri Mhoireasdan mu dheireadh a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_BF05_TRACK08_MORRISON
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mary Morrison
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3179
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
fèillean
fèill-ghàirdeachais
buinn
duaisean
urram
claistinneach

Get Adobe Flash player

Fhuair am fear-pòsda aig Màiri Mhoireasdan an Distinguished Service Medal airson seirbhis tron Dàrna Cogadh.

Dè tha nur cuimhne mu àm deireadh a' chogaidh?

'S e fear de na rudan math air a bheil cuimhn' agam nuair a chaidh mi gu Buckingham Palace leis an duin' agam nuair a fhuair e an Distinguished Service Medal. Agus chaidh èideadh feachd an airm sònraichte a thoirt dhomh a chaidh a dhèanamh airson an là sin fhèin, agus fhuair mi àm dheth nach deidheadh a thoirt bhon fhòrladh agam, agus taic glè, glè mhòr. Rinn a h-uile duine an dìcheall gus am biodh àm sunndach againn. Agus chuir mi-fhìn 's an duin' agam, athair Marina, seachad seachdain ann an Lunnainn aig club sònraichte airson càraidean pòsda. Mar sin 's e àm sunndach a bh' ann.

Nuair a chaidh mi gu Buckingham Palace agus shuidh sinn uile sìos, 's e a' chiad duine a fhuair bonn fear òg cuagach air croitsichean agus gu math faisg orm bha an gille beag seo na shuidhe' le a mhàthair, bha mi 'm beachd, agus dh'èigh e ann an guth mòr àrd 'Sin mo dhadaidh!' Agus bha e dìreach iongantach. Cha tèid sin às mo chuimhne a-chaoidh mar a bha an t-àite cho sàmhach, buileach sàmhach. Agus an guth beag a bha cho fuaimneach an uair ud. Ach sin, 's e là sona a bha sin. Là sona, sona. Agus chrath an duin' agam làmh Rìgh Sheòrais V, 's e a bhiodh ann. Cha b' urrainn don bhàn-righ a bhith ann an là sin oir bha an droch chnatan oirre, chaidh innseadh dhuinn. Ach 's e àm glè shònraichte a bh' ann. Bratan-ùrlair tiugha, tha cuimhn agam, agus 's dòcha cùisean beagan do-fhìor. Mm-hmm. Seadh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Biorbhaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Màiri Mhoireasdan mu dheireadh a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; fèillean; fèill-ghàirdeachais; buinn; duaisean; urram; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)