Ùrachadh mu Dheireadh 23/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Nis bho Cheum Godman
EXTERNAL ID
QZP40_273369_071
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1823
LINN
1820an
CRUTHADAIR
J Clark
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31790
KEYWORDS
dealbhan
ealain lèirsinneach
Inverness from Godsman's Walk

Tha an dealbh seo le J Clark de shealladh de dh’Inbhir Nis bho Cheum Godman air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).

Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ tarraing aire chun an Taigh-eiridinn a Tuath a chaidh a thogail ann an 1804. Fhuair e an tiotal ‘Rìoghail’ ann an1930 nuair a chaidh ath-fhosgladh le Diùc Iorc, Rìgh Seòras VI an dèidh sin, an dèidh ath-thogail mòr.

B’ e frith-rathad poblach a bh’ ann an Ceum Godman a bha a’ ruith air druim a’ chnuic bho Rathad Chùl Daothail, faisg air a cheangal ri Rathad Bhaile nam Bochd (Mayfield), gu Allt na Sgitheach. Tha beagan notaichean air an toirt air eachdraidh a’ Cheum a chaidh ainmeachadh an dèidh Caiptean Godman, a bha ag obair mar bhàilidh dha Diùc Ghòrdan aig deireadh na 18mh linn. Airson linntean b’e còir-shlighe dha muinntir Inbhir Nis a bh’ anns an fhrith-rathad ach, nuair a ghabh an Dr MacDhonnchaidh àite Godsman, chaidh an ceum a dhùnadh. Bha connspaid mu cò leis a bha e agus a bha an urra ri cumail suas Ceum Goodman ann an 1855 agus bha sin mar sin fhathast ann an 1967 nuair a chaidh an leabhar seo foillseachadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Nis bho Cheum Godman

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1820an

dealbhan; ealain lèirsinneach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Old Inverness by Pierre Delavault (1903)

Tha an dealbh seo le J Clark de shealladh de dh’Inbhir Nis bho Cheum Godman air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).<br /> <br /> Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ tarraing aire chun an Taigh-eiridinn a Tuath a chaidh a thogail ann an 1804. Fhuair e an tiotal ‘Rìoghail’ ann an1930 nuair a chaidh ath-fhosgladh le Diùc Iorc, Rìgh Seòras VI an dèidh sin, an dèidh ath-thogail mòr.<br /> <br /> B’ e frith-rathad poblach a bh’ ann an Ceum Godman a bha a’ ruith air druim a’ chnuic bho Rathad Chùl Daothail, faisg air a cheangal ri Rathad Bhaile nam Bochd (Mayfield), gu Allt na Sgitheach. Tha beagan notaichean air an toirt air eachdraidh a’ Cheum a chaidh ainmeachadh an dèidh Caiptean Godman, a bha ag obair mar bhàilidh dha Diùc Ghòrdan aig deireadh na 18mh linn. Airson linntean b’e còir-shlighe dha muinntir Inbhir Nis a bh’ anns an fhrith-rathad ach, nuair a ghabh an Dr MacDhonnchaidh àite Godsman, chaidh an ceum a dhùnadh. Bha connspaid mu cò leis a bha e agus a bha an urra ri cumail suas Ceum Goodman ann an 1855 agus bha sin mar sin fhathast ann an 1967 nuair a chaidh an leabhar seo foillseachadh.