Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Mairead Bochel air àm briseadh a-mach a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF01_TRACK02_BOCHEL
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Margaret Bochel
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3182
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
uèirleas
rèidio
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cùnntas aig Mairead Bochel air Là na Sàbaid, 3s Sultainn 1939.

Am b' urrainn dhuibh innse dhomh càit an robh sibh nuair a thòisich an Dàrna Cogadh agus dè bha sibh a' dèanamh?

Uill, 's e Là na Sàbaid a bh' ann, tha cuimhn' agam. Bha mi dìreach air tionndadh còig-deug san Lùnastal a' bhliadhna sin agus 's e an treas là den t-Sultainn a bh'ann, an là a thòisich an cogadh - mar is cuimhne leam - an 1939. Bha sinn aig an taigh - 's e Là na Sàbaid a bh' ann mar a thuirt mi, agus bha sinn uile a' dèanamh deiseil airson a dhol dhan eaglais. Uill, bha dithis, triùir chlann na mo theaghlach-sa: bràthair nas sine agus bràthair nas òige agus bha mise eadar an dithis ann an aois. Agus bha fios againn gu robh rud cudromach gu bhith air aithris air an rèidio agus dh'fhoighnich sinn am b' urrainn dhuinn fuireach aig an taigh an àite a dhol dhan eaglais. Ach thuirt ar pàrantan, 'Chan fhaod. Feumaidh sibh a dhol dhan eaglais.' Ach dh'fhuirich iadsan aig an taigh. Agus bha ùidh mhòr againn ann a bhith a' cluinntinn na h-òraid oir bha fios againn gur e èigheachd cogaidh aig Mgr Chamberlain a bha gu bhith ann. Mar sin thog sinn oirnn dhan eaglais agus bha sinn aig an eaglais, agus san Sgoil Shàbaid cuideachd, tha mi creids' oir bha e a' leantainn àm na h-eaglais sna làithean ud. Agus an uairsin nuair a thàinig sinn dhachaigh chuala sinn an naigheachd. Agus bha eagal mòr, mòr oirnn uile nuair a chuala sinn e. Tha cuimhn agam gu robh eagal mòr orm air dè thachradh, oir bha fios againn mu Hitler, ar nàmhaid, agus cho dona 's a bha e.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Narann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Mairead Bochel air àm briseadh a-mach a' chogaidh

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; uèirleas; rèidio; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)