Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Ailbeart Robasdan agus Peigi Spence mun Dàrna Cogadh
EXTERNAL ID
WD_HF01_TRACK03_ROBERTSONSPENCE
ÀITE
Ceann Loch Lìobhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Albert Robertson & Peggy Spence
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3183
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
Arm na Sgìre
Territorial Army
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn aig Ailbeart Robasdan agus Peigi Spence air toiseach a' chogaidh ann an Ceann Loch Lìobhain.

AR: Chan urrainn dhomh cuimhneachadh buileach càit a robh mi nuair a chuala mi gu robh an cogadh air èigheachd. Dìreach lorg mi a-mach nuair a thàinig mi dhachaigh bhon sgoil an la sin. Bha mi ann an Sgoil Chinn Loch Lìobhain aig an àm agus tha mi air a bhith ann an Ceann Loch Lìobhain a-riamh bhon uairsin, eil fhios agaibh. Ach tha cuimhn' agam gun do thuit nàdar de shàmhchair thairis air a' bhaile. Bha a h-uile duine a' meòmhrachadh, seòrsa 'dè bha a' dol a thachairt?' A robh sinn gu bhith ceart gu leòr, 's an leithid? Agus bha e dìreach, mar a thuirt mi, mì-chinnt air dè bha dol a thachairt.

P.Sp: Saoilidh mi, Alby, ann an Ceann Loch Lìobhain, gur e an là a bu mhiosa an ath-mhadainn nuair a dh'fhalbh na busaichean le balaich Arm na Sgìre, na Territorials gu lèir.

AR: Seadh

PSp: Agus bha e mar gun robh am baile gu lèir buileach falamh; dh'fhalbh sia busaichean. Agus bha coltas buileach falamh air a' bhaile, leis mar a chaidh na pàrantan uile dhachaigh an dèidh dha na busaichean fàgail agus bha iad uile cho tùrsach a chionns cha mhòr gun robh aon taigh sa bhaile nach do dh'fhàg co-dhiù aon mhac. Agus dh'fhàg e coltas gu math falamh air a' bhaile. Cha robh e falamh, ach bha e a' faireachdainn mar sin. Agus nuair a chunnaic thu na fireannaich a' tighinn a-mach às an fhactaraidh an oidhche sin, bha e gu math muladach.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Ailbeart Robasdan agus Peigi Spence mun Dàrna Cogadh

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; Arm na Sgìre; Territorial Army; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)