Ùrachadh mu Dheireadh 10/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Peathraichean Chinn Tàile, Loch Dubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_ADAMS_018
ÀITE
Loch Dubhthaich; Còig Pheathraichean
LINN
1930an; 1940an
CRUTHADAIR
Robert Moyes Adam
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31831
KEYWORDS
seallaidhean-tìre
beanntan
lochan
craobhan
bothain
achaidhean
The Sisters of Kintail, Loch Duich

’S e beanntan a tha ag èirigh os cionn Ghleann Sheile aig ceann Loch Dubhthaich a th’ ann am Peathraichean Chinn Tàile. On làimh chlì, is iad Sgurr Mòraich (876m), Sgurr nan Saighead (929m), Sgurr Fhuaran (1068m), Sgurr na Càrnach (1002m) agud Sgurr na Ciste Duibhe (1027m).


A rèir uirsgeul, thàinig dà phrionnsa Èireannach gu tìr ann an stoirm is thuit iad ann an gaol le dithis de na seachdnar pheathraichean aig Rìgh Chinn Tàile. Air dhaibh gealltainn gun cuireadh iad an còignear bhràithrean a-nall a phòsadh nam peathraichean eile, phòs na prionnsan an dithis bhana-phrionnsa a b' òige agus thill iad a dh' Èirinn. Dh'fhuirich na peathraichean eile gu dìomhain, is mu dheireadh dh' iarr iad air Draoidh Glas Choire Dhùnaid leigeil leotha a bhith a' coimhead seachad air làithean am beatha. Mar sin, thionndaidh e gu beanntan iad.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Peathraichean Chinn Tàile, Loch Dubhthaich

1930an; 1940an

seallaidhean-tìre; beanntan; lochan; craobhan; bothain; achaidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Robert Moyes Adam

’S e beanntan a tha ag èirigh os cionn Ghleann Sheile aig ceann Loch Dubhthaich a th’ ann am Peathraichean Chinn Tàile. On làimh chlì, is iad Sgurr Mòraich (876m), Sgurr nan Saighead (929m), Sgurr Fhuaran (1068m), Sgurr na Càrnach (1002m) agud Sgurr na Ciste Duibhe (1027m).<br /> <br /> <br /> A rèir uirsgeul, thàinig dà phrionnsa Èireannach gu tìr ann an stoirm is thuit iad ann an gaol le dithis de na seachdnar pheathraichean aig Rìgh Chinn Tàile. Air dhaibh gealltainn gun cuireadh iad an còignear bhràithrean a-nall a phòsadh nam peathraichean eile, phòs na prionnsan an dithis bhana-phrionnsa a b' òige agus thill iad a dh' Èirinn. Dh'fhuirich na peathraichean eile gu dìomhain, is mu dheireadh dh' iarr iad air Draoidh Glas Choire Dhùnaid leigeil leotha a bhith a' coimhead seachad air làithean am beatha. Mar sin, thionndaidh e gu beanntan iad.