Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Màiri NicillEathain air àm briseadh a-mach a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF01_TRACK04_MACLEAN
ÀITE
Glaschu
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mary Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3185
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
Arm na Sgìre
Territorial Army
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Màiri NicillEathain a' meòmhrachadh air mar a bha cùisean do theaghlach às an Eilean Sgitheanach a' fuireach an Glaschu aig toiseach an Dàrna Cogaidh.

Am b' urrainn dhuibh innse dhomh càit an robh sibh nuair a thòisich an Dàrna Cogadh agus dè bha sibh a' dèanamh?

Uill, bha mise san sgoil. Bha mi naoi bliadhna a dh'aois - tha sin ag innse dhut cho aost 's a tha mi - nuair a bhris an cogadh a-mach. 'S ann às an Eilean a bha an dithis aca, m' athair 's mo mhàthair, ach bha m' athair ag obair na shaor sna gàrraidhean-soithichean, 's mar sin bha mise a' dol dhan sgoil ann an Glaschu aig an àm sin. Agus 's math a tha cuimhn agam air an là a dh'èigh iad an cogadh leis mar a bha de dhranndan air feadh an àite. Bha a h-uile duine dìreach ag èisteachd ris na naigheachdan agus dùil aca ris an òraid seo a chluinntinn. Agus nuair a thàinig e bha e glè, chuir e iomagain air an uabhas de dhaoine oir bha fios aca gum biodh buaidh mhòr aige air an teaghlaichean is air am fireannaich. Mar sin tha cuimhn agam - bha sinn a' fuireach ann am flat ann an Rathad DhunBhreatainn, an Dumbarton Road mòr, agus tha cuimhn agam air faicinn cuid de na saighdearan Sgìreil - bha iad sin nan saighdearan pàirt-ùine, na Territorials - a' meàrrsadh air falbh 's dòcha do na campaichean treanaidh aca, a dhèanamh deiseil a dhol air falbh dhan chogadh, gu mì-fhortanach.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Phort Righ.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Màiri NicillEathain air àm briseadh a-mach a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; Arm na Sgìre; Territorial Army; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)