Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caithness, 1925 - Allt Rìdhisgil
EXTERNAL ID
QZP40_CAITHNESS 1925-26_56001_013
ÀITE
Liabost
SGÌRE
Gallaibh a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Latharan
DEIT
1925
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Herbert Sinclair
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31854
KEYWORDS
dealbhan-camara
aibhnichean
uillt
puirt
Caithness, 1925 - Reisgill Burn

Seo duilleag bho leabhar dhealbhan de Ghallaibh bho 1925. Chithear dealbh de dh'Allt Rìdhisgill a tha a' sruthadh dhan bhàgh aig Cala Liaboist.

Tha Liabost air taobh an ear Ghallaibh. Bha uair a bha còrr is 100 bàta a-mach is a-steach às a' chala.
B' e Liabost an treas port iasgaich a bu mhotha ann an Alba an dèidh Inbhir Ùige agus A' Bhruaich.

Bha daoine uabhasach measail air sgadan san Roinn Eòrpa agus bha e an ìre mhath furasta a ghlacadh far cladaichean Alba - air an taobh an Ear sa gheamhradh agus as t-earrach, far a' Chladaich a Tuath agus ann an Sealtainn as t-samhradh agus, as t-fhoghar far cladach East Anglia. Aig an àm seo bha suas ri 30,000 bàta ri iasgach an sgadain air an taobh an Ear, gun luaidh air na bha ann an Cuan na h-Èireann. Mar a chaidh an linn air adhart, chaidh an àireamh am meud gus an robh, mu dheireadh, gnìomhachas an iasgaich ann an Alba air an fhear bu mhotha san Roinn Eòrpa.

Seach gu bheil ola ann an sgadan, dh'fheumadh e bhith air a chiùradh cho luath 's a ghabhadh gus nach lobhadh e. Nuair a bha iasgach an sgadain aig àirde ann an 1907, chaidh 2,500,000 baraille èisg (250,000 tunna) a chiùradh agus às-mhalairt. B' iad a' Ghearmailt, taobh sear na Roinn Eòrpa agus an Ruis na prìomh mhargaidean. Ann an 1913 bha còrr is 10,000 bàta an sàs ann an gnìomhachas an sgadain ann an Alba

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caithness, 1925 - Allt Rìdhisgil

GALLAIBH: Latharan

1920an

dealbhan-camara; aibhnichean; uillt; puirt

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Caithness 1925