Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caithness, 1925 - Dol fodha na grèine bho Dhrochaid Ùige
EXTERNAL ID
QZP40_CAITHNESS 1925-26_56001_024a
ÀITE
Inbhir Ùige
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
1920an
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Herbert Sinclair
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31859
KEYWORDS
dealbhan-camara
dol fodha na grèine
drochaidean
aibhnichean
Caithness, 1925 - Sunset from the Bridge of Wick

Seo duilleag bho leabhar dhealbhan de Ghallaibh bho 1925. Chithear dealbh de dhol fodha na grèine bho Dhrochaid Inbhir Ùige. Chuireadh crìoch air an drochaid seo, a chuireadh an àite Drochaid Telford, ann an 1877 le Murchadh Peadarsan. 'S e drochaid leathann le trì boghannan a th' innte thar uisge bho thrì thaobhan.

Tha an neach-camara a' toirt iomradh air iongantas dol fodha na grèine a' chiad Dihaoine san Lùnastal. Faodaidh dol fodha na grèine a bhith air leth sònraichte as t-fhoghar ann an Gallaibh, nuair a bhios barrachd dust san èadhar, a' cur ris an dath dhearg, no an rubhadh, sna speuran.

Ged a tha Inbhir Ùige air a bhith na Bhorgh Rìoghail bho 1589, tha Inbhir Ùige nas sine na sin mar a chithear san ainm aige a thàinig on Lochlannais 'Vic', a tha a' ciallachadh bàgh. Tha e air taobh an ear-thuath na h-Alba 19 mìle deas air Taigh Iain Ghròt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caithness, 1925 - Dol fodha na grèine bho Dhrochaid Ùige

GALLAIBH: Inbhir Ùige

1920an

dealbhan-camara; dol fodha na grèine; drochaidean; aibhnichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Caithness 1925

Seo duilleag bho leabhar dhealbhan de Ghallaibh bho 1925. Chithear dealbh de dhol fodha na grèine bho Dhrochaid Inbhir Ùige. Chuireadh crìoch air an drochaid seo, a chuireadh an àite Drochaid Telford, ann an 1877 le Murchadh Peadarsan. 'S e drochaid leathann le trì boghannan a th' innte thar uisge bho thrì thaobhan.<br /> <br /> Tha an neach-camara a' toirt iomradh air iongantas dol fodha na grèine a' chiad Dihaoine san Lùnastal. Faodaidh dol fodha na grèine a bhith air leth sònraichte as t-fhoghar ann an Gallaibh, nuair a bhios barrachd dust san èadhar, a' cur ris an dath dhearg, no an rubhadh, sna speuran.<br /> <br /> Ged a tha Inbhir Ùige air a bhith na Bhorgh Rìoghail bho 1589, tha Inbhir Ùige nas sine na sin mar a chithear san ainm aige a thàinig on Lochlannais 'Vic', a tha a' ciallachadh bàgh. Tha e air taobh an ear-thuath na h-Alba 19 mìle deas air Taigh Iain Ghròt