Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caithness, 1925 - Bàtaichean-iasgaich ann am Bàgh Inbhir Ùige
EXTERNAL ID
QZP40_CAITHNESS 1925-26_56001_038
ÀITE
Inbhir Ùige
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
1925
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Herbert Sinclair
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31869
KEYWORDS
dealbhan-camara
soithichean
bàtaichean
gnìomhachas an sgadain
Caithness, 1925 - Fishing Vessels in Wick Bay

Seo duilleag bho leabhar dhealbhan de Ghallaibh bho 1925. Chithear dà dhealbh an seo. Tha a' chiad dealbh de 'English Steam Drifter' leis a' chlàradh 'LT 64.' Tha seo a' ciallachadh gun deach am bàta a chlàradh ann an Lowestoft ann an East Anglia. Nuair a chaidh rannsachadh a dhèanamh, chaidh an drioftair seo a chlàradh mar an 'LOYAL FRIEND' agus chaidh i fodha sia bliadhna an dèidh seo ann an 1931 aig a' chidhe a tuath ann an Obar Dheathain.

San dara dealbh tha cuid dhe na drioftairean smùide a bha an sàs ann an gnìomhachas an sgadain a' tilleadh gu Cala Inbhir Ùige.

Bha daoine uabhasach measail air sgadan san Roinn Eòrpa agus bha e an ìre mhath furasta a ghlacadh far cladaichean Alba - air an taobh an Ear sa gheamhradh agus as t-earrach, far a' Chladaich a Tuath agus ann an Sealtainn as t-samhradh agus, as t-fhoghar far cladach East Anglia. Aig an àm seo bha suas ri 30,000 bàta ri iasgach an sgadain air an taobh an Ear, gun luaidh air na bha ann an Cuan na h-Èireann. Mar a chaidh an linn air adhart, chaidh an àireamh am meud gus an robh, mu dheireadh, gnìomhachas an iasgaich ann an Alba air an fhear bu mhotha san Roinn Eòrpa.

Seach gu bheil ola ann an sgadan, dh'fheumadh e bhith air a chiùradh cho luath 's a ghabhadh gus nach lobhadh e. Nuair a bha iasgach an sgadain aig àirde ann an 1907, chaidh 2,500,000 baraille èisg (250,000 tunna) a chiùradh agus às-mhalairt. B' iad a' Ghearmailt, taobh sear na Roinn Eòrpa agus an Ruis na prìomh mhargaidean. Ann an 1913 bha còrr is 10,000 bàta an sàs ann an gnìomhachas an sgadain ann an Alba.

Ged a tha Inbhir Ùige air a bhith na Bhorgh Rìoghail bho 1589, tha Inbhir Ùige nas sine na sin mar a chithear san ainm aige a thàinig on Lochlannais 'Vic', a tha a' ciallachadh bàgh. Tha e air taobh an ear-thuath na h-Alba 19 mìle deas air Taigh Iain Ghròt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caithness, 1925 - Bàtaichean-iasgaich ann am Bàgh Inbhir Ùige

GALLAIBH: Inbhir Ùige

1920an

dealbhan-camara; soithichean; bàtaichean; gnìomhachas an sgadain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Caithness 1925