Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caithness, 1925 - Drochaid Hacraig
EXTERNAL ID
QZP40_CAITHNESS 1925-26_56001_076
ÀITE
Hacraig
SGÌRE
Gallaibh an Iar
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Hacraig
DEIT
1925
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Herbert Sinclair
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31879
KEYWORDS
dealbhan-camara
aibhnichean
drochaidean
Caithness, 1925 - Halkirk Bridge

Seo duilleag bho leabhar dhealbhan de Ghallaibh bho 1925. Chithear dealbh de Dhrochaid Hàcraig. Dh'fhosgladh Seann Drochaid Hàcraig ann an 1731.

Chaidh an drochaid aig Hàcraig a thogail thar Abhainn Theòrsa le airgead a dh'fhàg Mac na Clèirich à Ulbster airson sin a dhèanamh. Seach gun deach dusan bliadhna seachad mus do thòisich an obair, chaidh fathann mun cuairt gur e buaidh an diabhail a bu choireach. Nuair a bha an structar deiseil, bha daoine dhen bheachd gun gum biodh an diabhal a' tighinn ann air an oidhche. Mar sin b' e fìor chorra dhuine a dheigheadh thairis san dorchadas agus bha grunnan ann nach dèanadh fiù 's ris an latha. B' fheàrr leotha an t-àth a chleachdadh. Chun an latha an-diugh tha cuid ann a tha dhen bheachd gu bheil an diabhal fhathast trang aig an drochaid seo.

Tha baile beag Hàcraig 6 mìle deas air Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh.

Tha an t-ainm a' tighinn on Lochlannais agus tha e co-cheangailte ri eaglais. Tha e a' nochdadh mar Ha-kirkju anns na sgeulachdan Lochlannach. Tha e ann an sgrìobhainnean laideann on treas linn deug mar Haukirc agus Haukyrc agus 's ann coltach ri Haekirc a tha e fhathast sa Ghàidhlig. 'S e am facal Lochlannach airson eaglais a tha dara eileamaid agus 's iongantach mura h-e an dreach boireannta de Ha, buadhair Lochlannach a' ciallachadh 'àrd' a tha sa chiad eileamaid. Mar sin tha Hàcraig a' ciallachadh eaglais àrd ach chan eil cinnt carson. Dh'fhaodadh gu bheil Hoy, àite a tha faisg air làimh, cuideachd a' ciallachadh àrd agus gu bheil sin san ainm Hàcraig cuideachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caithness, 1925 - Drochaid Hacraig

GALLAIBH: Hacraig

1920an

dealbhan-camara; aibhnichean; drochaidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Caithness 1925