Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Royal Tandoori & Happy Haggis, An Aghaidh Mhòr
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0004_AT
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
31886
KEYWORDS
taighean-bìdh
Royal Tandoori & Happy Haggis, Aviemore

San dealbh-chamara seo chithear Rumannan Tea 'Pot Luck' a bh' ann uaireigin san Aghaidh Mhòir. An-diugh tha taigh-bìdh agus giùlan-air-falbh sna togalaichean - an 'Royal Tandoori' agus an 'Happy Haggis'.

Thàinig An Aghaidh Mhòr gu bith sna1600an ach gus an tàinig an rathad-iarainn ann an 1862 cha robh ann ach beagan thaighean sgapte agus taigh-òsta beag. Ann an 1892, air tàilleabh loidhnichean an rèile gu Inbhir Nis, Peairt agus Farrais, b' e ceangal cudromach a bh'ann. Dh'fhàs e gu luath, an toiseach mar àite-fuirich do luchd-obrach an rèile agus an uair sin do dhaoine beartach a bhiodh ri sealg is iasgach.

Chunnaic am baile sàmhach, Gàidhealach seo tuilleadh leasachaidh anns na 1960an. Thàinig An Aghaidh Mhòr air adhart gu mòr nuair a dh'fhosgladh àrainn-sgithidh A' Mhonaidh Ruaidh, ochd mìle air falbh, ann an 1961 agus a-rithist ann an 1964 nuair a dh'fhosgladh inoad làithean-saora sònraichte. Ged tha, chan eil na togalaichean cruadhtain, a bha cho tlachdmhor dha na h-ailteirean an uair sin, a' còrdadh ri daoine a-nis agus bidh ionad nan làithean-saora air a leasachadh.

An-diugh, bidh luchd-turais san àrainn fad na bliadhna agus tha caochladh mòr de chur-seachadan ann ri dhèanamh. Tha Am Monadh Ruadh, a' phàirc nàiseanta as motha ann am Breatainn, na àite sònraichte le seallaidhean-tìre de bheanntan, fuigheall de ghiùthsaich Albannaich, aibhnichean, lochan agus gleanntan. Tha mòran eòin, bheathaichean agus lusan a tha ann an cunnart a' fàs an seo.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture