Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Sheanalair Rice, Loch an Eilein, An Aghaidh Mhòr
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0005
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
1907
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31887
KEYWORDS
càirtean-puist
tubaistean
bàthadh
General Rice's Memorial Stone, Loch-an-Eilan, Aviemore

Tha a' chàirt-phuist seo bho anmoch san 20mh linn a' sealltainn carragh-cuimhne faisg air cladach Loch an Eilein san t-seann choille Albannach air Oighreachd Ràta Mhurchais faisg air An Aghaidh Mhòir.

Tha an sgrìobhadh ag ràdh, "Thogadh a' chlach le muinntir Ràta Mhurchais mar chuimhneachan gràdhach air Màidsear-Seanalair Walter Brook Rice a chleachd a bhith sa Ghunnaireachd Rìoghail, a chaidh às an rathad nuair a bha e a' speileadh faisg air an seo air an t-26mh dhen Dubhlachd 1892."

Bha an Seanalair, a bha 65 bliadhna dh'aois, a' fuireach còmhla ri a phiuthar aig Loidse Druim an t-Sabhail a bha faisg.

Bha e air a dhol a speileadh còmhla ris a' charbadair aige, a bha air a' chladach ga choimhead ach cha robh e air chomas a chuideachadh. A rèir Teachdaire Inbhir Nis, "The unfortunate gentleman, after falling through the ice, almost immediately rose again, but only for a moment. Raising his arms, he shouted to his servant "Good-bye," and again sank to the bottom, never again reappearing." Bha an t-oifigear a chaochail air gabhail dhan Ghunnaireachd Rìoghail ann an 1858. Rinn e seirbheis ann an Ceannairc nan Ìnnseachan agus leig e seachad a dhreuchd aig ìre Màidsear-Seanalair ann an 1885

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Sheanalair Rice, Loch an Eilein, An Aghaidh Mhòr

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1900an

càirtean-puist; tubaistean; bàthadh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection