Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Sheanalair Rice, Loch an Eilein, An Aghaidh Mhòr
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0005_AT
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
31888
KEYWORDS
tubaistean
bàthadh
General Rice's Memorial Stone, Loch-an-Eilan, Aviemore

San dealbh-chamara seo chithear clach-chuimhne a tha na laighe faisg air tràigh Loch an Eilein a tha ra lorg sa choille Chailleannach aosmhor ann an Oighreachd Ràta Mhurchais faisg air an Aghaidh Mhòir. Tha an sgrìobhadh ag ràdh, "Thogadh a' chlach le muinntir Ràta Mhurchais mar chuimhneachan gràdhach air Màidsear-Seanalair Walter Brook Rice a chleachd a bhith sa Ghunnaireachd Rìoghail, a chaidh às an rathad nuair a bha e a' speileadh faisg air an seo air an t-26mh dhen Dubhlachd 1892."

Bha an Seanalair, a bha 65 bliadhna dh'aois, a' fuireach còmhla ri a phiuthar aig Loidse Druim an t-Sabhail a bha faisg.

Bha e air a dhol a speileadh còmhla ris a' charbadair aige, a bha air a' chladach ga choimhead ach cha robh e air chomas a chuideachadh. A rèir Teachdaire Inbhir Nis, "The unfortunate gentleman, after falling through the ice, almost immediately rose again, but only for a moment. Raising his arms, he shouted to his servant "Good-bye," and again sank to the bottom, never again reappearing." Bha an t-oifigear a chaochail air gabhail dhan Ghunnaireachd Rìoghail ann an 1858. Rinn e seirbheis ann an Ceannairc nan Ìnnseachan agus leig e seachad a dhreuchd aig ìre Màidsear-Seanalair ann an 1885.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Sheanalair Rice, Loch an Eilein, An Aghaidh Mhòr

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

2000an

tubaistean; bàthadh

Andrew Taylor

San dealbh-chamara seo chithear clach-chuimhne a tha na laighe faisg air tràigh Loch an Eilein a tha ra lorg sa choille Chailleannach aosmhor ann an Oighreachd Ràta Mhurchais faisg air an Aghaidh Mhòir. Tha an sgrìobhadh ag ràdh, "Thogadh a' chlach le muinntir Ràta Mhurchais mar chuimhneachan gràdhach air Màidsear-Seanalair Walter Brook Rice a chleachd a bhith sa Ghunnaireachd Rìoghail, a chaidh às an rathad nuair a bha e a' speileadh faisg air an seo air an t-26mh dhen Dubhlachd 1892."<br /> <br /> Bha an Seanalair, a bha 65 bliadhna dh'aois, a' fuireach còmhla ri a phiuthar aig Loidse Druim an t-Sabhail a bha faisg.<br /> <br /> Bha e air a dhol a speileadh còmhla ris a' charbadair aige, a bha air a' chladach ga choimhead ach cha robh e air chomas a chuideachadh. A rèir Teachdaire Inbhir Nis, "The unfortunate gentleman, after falling through the ice, almost immediately rose again, but only for a moment. Raising his arms, he shouted to his servant "Good-bye," and again sank to the bottom, never again reappearing." Bha an t-oifigear a chaochail air gabhail dhan Ghunnaireachd Rìoghail ann an 1858. Rinn e seirbheis ann an Ceannairc nan Ìnnseachan agus leig e seachad a dhreuchd aig ìre Màidsear-Seanalair ann an 1885.