Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceàrnag na Manachainn, a' sealltainn don iar
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0007
ÀITE
A' Mhanachainn
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31890
KEYWORDS
cairtean
carraighean-cuimhne
Lovat Scouts

bailtean, Màiri Bànrigh na h-Alba
Beauly Square, looking west

Tha a' chairt seo, a nochd tràth san 20mh linn, a' sealltainn Ceàrnag na Manachainn, le carragh-cuimhne do na "Lovat Scouts" na meadhan.

Tha a' Mhanachainn 12 mìle an iar air Inbhir Nis, aig beul Abhainn na Manachainn. Chaidh a' Cheàrnag a dhealbhachadh anns na 1840an le Baran Lòbhat. Dh'fhàs am baile mu chuairt air a' Mhanachainn, a chaidh a stèidheachadh ann an 1320 le manaich Valliscaulian à Burgundaidh san Fhraing, a thug an t-ainm Fraingis "beau lieu" (àite brèagha) dha. Tha cuid ag ràdh, ge-tà, gun tàinig an t-ainm o na briathran aig Màiri, Bànrigh na h-Alba, nuair a thàinig i air chuairt ann an 1564.

Dh'fhoillsich Mac an Tòisich, Morair-Ionaid a' Chrùin san t-siorrachd, a' charragh-chuimhne do na "Lovat Scouts", air Diciadain an 21mh latha dhen Dùbhlachd 1905. Tha 50 troigh a dh'àirde anns a' charragh-chuimhne, agus tha 4 clàir air. Air aon dhiubh tha e sgrìobhte "Erected by the Lovat tenantry and feuars of the Aird and Fort Augustus districts to commemorate the raising of the Lovat Scouts for service in South Africa by Simon Joseph, 18th Lord Lovat, C.V.O., C.B., D.S.O., who desired to show the martial spirit of their forefathers still animates the Highlanders of today, and whose confidence was justified by the success in the field of the gallant corps whose enterprise was due to his loyalty and patriotism.- A.D. 1905."

Air clàr eile tha na h-ainmean aig na oifigearan agus na trì feachdan dhe na "Lovat Scouts", agus air an treas clàr tha sreath de dh'ainmean aig na 23 oifigearan, oifigearan gun bharantas, agus saighdearan a chaill am beatha ann am blàr no air sgàth leòn no tinneis.

Air a' cheathramh clàr, ann an dealbh-tilgte de dh'umha, tha saighdear na sheasamh ri taobh eich, agus oifigear crùbte ri thaobh a' sealltainn a-mach air an dùthaich.

Choisinn na "Lovat Scouts" cliù ann an ceann a deas Afraga, agus anns an dà chogadh 1914-18 agus 1939-45

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceàrnag na Manachainn, a' sealltainn don iar

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

cairtean; carraighean-cuimhne; Lovat Scouts;
bailtean, Màiri Bànrigh na h-Alba

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection