Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùn Robain, Goillspidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0017
ÀITE
Goillspidh
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31900
KEYWORDS
cairtean
caistealan
oighreachdan
fuadaichean
Dunrobin Castle, Golspie

Tha a' chairt seo a nochd tràth anns an 20mh linn a' sealltainn Caisteal Dhùn Robain faisg air Goillspidh.

Tha Dùn Robain mu mhìle an ear thuath air Goillspidh, agus is e dachaigh shinnsireil Iarlan agus Diùcan Cataibh. Tha e air a ràdh gun tàinig an t-ainm bho "Robin's Castle", caisteal Raibeirt, an siathamh iarla.

Thogadh an caisteal o thùs anns a' chiad leth dhen 13mh linn, agus 's e tùr-dìona mòr, ceàrnagach a bh' ann, ach ann an 1840 chaidh a leasachadh gu mòr ann am modh Flànrasach le Sir Teàrlach Berry a dhealbhaich Taigh nan Cumantan. Cha mhothaichear a-nis dhan tùr a bh' ann o thùs. Chaidh mòran dhen taobh a-staigh dheth a mhilleadh ann an teine ann an 1815, agus chaidh ath-dhealbhachadh le Sir Raibeart Lorimer.

Tha teaghlach Diùc Cataibh mì-chliùiteach ann an eachdraidh na Gaidhealtachd. "Leasaich" a' chiad Diùc an oighreachd, nuair a rinneadh a- mach gu faighte barrachd prothaid bhon oighreachd mar ionaltradh dha na caoraich, na gheibhte le bhith ga leigeil air mhàl. Tha a' choire ga chur air cuideachd airson cuid dhe na fuadaichean bu mhiosa

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùn Robain, Goillspidh

CATAIBH: Goillspidh

cairtean; caistealan; oighreachdan; fuadaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection