Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùn Tuilm
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0019_AT
ÀITE
Dùn Tuilm
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
31903
KEYWORDS
cairtean
caistealan
Lochlannaich, bataill
Duntulm Castle

Tha Caisteal Dhùn Tuilm anns an Eilean Sgitheanach, faisg air a' ghob an taobh an iar-thuath Rubha Thròdarnais, agus 26 mìle tuath air Port Rìgh. 'S e dùn o Linn an Iarainn a bh' ann o thùs a chaidh a ghlèidheadh leis na Lochlannaich, agus fhuair e an t-ainm "Dùn Daibhidh" o cheann-cinnidh Lochlannach a bha fuireach ann. Chuireadh cùl ris nuair a rinneadh a' chùis air na Lochlannaich anns a' Leargaidh Ghallta.

Anns a' 15mh linn agus trath anns an 16mh linn, chàirich Dòmhnall Gorm Morair nan Eilean an caisteal, agus dh'fhàs e na dhaingean aig na Dòmhnallaich. Tha iomradh ann gun robh barail mhath aig an Rìgh Seumas V mun chaisteal agus a shuidheachadh, nuair a thàinig e air chuairt dhan Eilean Sgitheanach ann an 1540.

Dh'atharraich sealbh a' chaisteil grunn tursan eadar na Leòdaich agus na Dòmhnallaich, an dà chinneadh bu chliùitiche anns an Eilean Sgitheanach, gu àm Blàr Tròndairnis. An dèidh sin, ghlèidh na Dòmhnallaich e gu 1730, nuair a dh'fhàg iad e gus a dhol gu taigh ùr na bu chòfhurtaile am Mogastad, còig mìle air falbh. Thugadh air falbh pàirt dhen chlachaireachd aige agus chaidh a chleachdadh nuair a bhathar a' togail an taighe ùir.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùn Tuilm

INBHIR NIS: Cille Mhoire

2000an

cairtean; caistealan; Lochlannaich, bataill

Andrew Taylor

Tha Caisteal Dhùn Tuilm anns an Eilean Sgitheanach, faisg air a' ghob an taobh an iar-thuath Rubha Thròdarnais, agus 26 mìle tuath air Port Rìgh. 'S e dùn o Linn an Iarainn a bh' ann o thùs a chaidh a ghlèidheadh leis na Lochlannaich, agus fhuair e an t-ainm "Dùn Daibhidh" o cheann-cinnidh Lochlannach a bha fuireach ann. Chuireadh cùl ris nuair a rinneadh a' chùis air na Lochlannaich anns a' Leargaidh Ghallta.<br /> <br /> Anns a' 15mh linn agus trath anns an 16mh linn, chàirich Dòmhnall Gorm Morair nan Eilean an caisteal, agus dh'fhàs e na dhaingean aig na Dòmhnallaich. Tha iomradh ann gun robh barail mhath aig an Rìgh Seumas V mun chaisteal agus a shuidheachadh, nuair a thàinig e air chuairt dhan Eilean Sgitheanach ann an 1540.<br /> <br /> Dh'atharraich sealbh a' chaisteil grunn tursan eadar na Leòdaich agus na Dòmhnallaich, an dà chinneadh bu chliùitiche anns an Eilean Sgitheanach, gu àm Blàr Tròndairnis. An dèidh sin, ghlèidh na Dòmhnallaich e gu 1730, nuair a dh'fhàg iad e gus a dhol gu taigh ùr na bu chòfhurtaile am Mogastad, còig mìle air falbh. Thugadh air falbh pàirt dhen chlachaireachd aige agus chaidh a chleachdadh nuair a bhathar a' togail an taighe ùir.