Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Modail de sheann bhaile Chille Chuimein
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0025
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31908
KEYWORDS
cairtean
Seumasaich
dùin
manachainn, abaidean
Model of Old Fort Augustus

Tha a' chairt seo o na 1950an a' sealltainn modail de dh' eaglais Abaid Chille Chuimein.

Chaidh an gearastan an Cille Chuimein a thogail leis an riaghaltas Hanòbharach, an dèidh ar-a-mach nan Seumasach an 1715. Chaidh taigh-feachd a thogail ann an 1716 am baile Chille Chuimein aig ceann Loch Nis, agus ann an 1729 thòisich an Seanalair Wade air an gearastan a thogail air rubha, an taobh a-muigh dhen bhaile, air an tug e ainm Uilleim Augustus, Diùc Chumberland, am mac a b' òige aig an Rìgh Deòrsa ll. Nuair a bha e deiseil, ghabhadh e 300 saighdear.

Rinn Diùc Chumberland a' chùis air na Seumasaich an Cùl Lodair an 1746, agus chaidh Sìm, Morair MacShimidh, leis an robh an oighreachd mun ghearastan, agus a thug taic dha na Stiùbhartaich, a chur ann am prìosan an Cille Chuimein, mus deach a chur gu bàs ann an Lunnainn.

Thugadh na saighdearan air falbh aig toiseach Cogadh a' Chrimea, agus air a' cheann thall, reiceadh an daingneachd an 1867 ri Tòmas Alasdair, an 14mh Morair MacShimidh. Leig a mhac, an 15mh Morair MacShimidh, na togalaichean air mhàl do na Benedictinich, a dh'atharraich iad gus manachainn, abaid, agus sgoil a dhèanamh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Modail de sheann bhaile Chille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

1920an

cairtean; Seumasaich; dùin; manachainn, abaidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection