Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Beth Thom mu bheatha teaghlaich rè àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF02_TRACK03_THOM
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Beth Thom
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3191
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
às-fhalamhachadh
evacuation
evacuees
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn aig Beth Thom mar a thug a màthair a-steach daoine air às-fhalamhachadh, evacuees o Lunnainn, dhan taigh aca aig àm an Dàrna Cogaidh.

Dè a' bhuaidh a bh' aig a' chogadh air an teaghlach agaibhse?

Uill, chaidh an duine agam èigheachd suas, coltach ris a h-uile duine eile, cha mhòr, mur nach biodh iad ag obair ann an àiteachas no rudeigin, obair far nach fheumadh iad a dhol a-steach dha na Feachdan. Dh'fheumadh sinne a-rèisd a bhith a' fàs biadh airson a h-uile duine san dùthaich, agus bha a h-uile duine a' cumail nan gàrraidhean aca fhèin, a' fàs mheasan is ghlasraich, agus nam biodh àite gu leòr, a' cumail dhà no trì cearcan, gus am biodh ugh ann dha do thea no rudeigin mar sin. Agus bha mise a' fuireach còmhla ri mo mhàthair.

Aon fheasgair na Sàbaid sa chogadh - bha blitz a' dol ann an Lunnainn - nochd boireannach air an stairsnich againn agus leanaibh còig bliadhna a dh'aois na chadal na h-uchd agus bha i a' lorg àite-fuirich. Bha i a' fuireach an Canning Town agus chaidh a bomadh a-mach. Mar sin lean i an duine aice suas gu tuath - bha esan air a stèiseanadh an Uachdar Nìad - agus cha b' urrainn dhi àite-fuirich sam bith a lorg. Mar sin thug mo mhàthair a-steach i, agus bha sin a' ciallachadh ann an taigh le ceithir rumannan nach robh cus rùim ann dha duine eile, eadar mo mhàthair, mo bhràthair, agus mi fhìn. Nise bha an dithis eile a bha seo ann, agus mo mhac fhèin. Agus 's ann mar sin a bha sinn a' fuireach aig an àm agus bha e glè dhuilich a bhith 'faicinn gun gabhadh duine am bomadh a-mach 's nach robh àite-fuirich sam bith aca, àite sam bith far an dèidheadh iad, far am fuiricheadh iad agus mar sin tha sin air leantainn rium bhon uairsin. Chum sinn fios air a chèile a' dol fad iomadh bliadhna gus mu dheireadh a bhàsaich an duine aice. Tha e coltach gur e fear-doca a bh' ann shìos mu sgìre Lunnainn.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Ard Rois.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Beth Thom mu bheatha teaghlaich rè àm a' chogaidh

ROS: Inbhir Pheofharain

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; às-fhalamhachadh; evacuation; evacuees; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)