Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta West End - An Gearasdan
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0028
ÀITE
An Gearasdan
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31911
KEYWORDS
cairtean
taighean-òsta, dùin, gearasdain, lochan
West End Hotel, Fort William

Tha a' chairt seo, a nochd mu mheadhan an 20mh linn, a' sealltainn Taigh-òsta West End ann an Gearasdan Inbhir Lòchaidh. Chaidh atharrachadh agus a leudachadh bhon uair sin. Tha e ann an suidheachadh math os cionn na Dubh-Linne.

'S e baile aig oir na Dubh-Linne a th' anns a' Ghearasdan. Tha e air a' chosta an iar, aig ceann a deas Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir fo sgàil Beinn Nimheis.

Bhruidhinn Pàrlamaid na h-Alba an toiseach ann an 1597 air baile a stèidheachadh ann an Loch Abar, ach 's ann ri linn
co-fhlaitheas Chromwell a thog an Seanailear Monk dùn ann eadar 1654 agus 1655. 'S e Inbhir Lòchaidh an t-ainm a bh' air an toiseach, agus bha gearasdan de 2000 saighdear ann, a bharrachd air luchd-obrach, luchd-frithealaidh, mnathan agus clann a chaidh a dh'fhuireach ann am baile beag faisg air an dùn. Tha an leabhar-cuimhneachain aig Sir Eòghainn Camshron ag innse gun deach an àireamh dhaoine am meud "by the accession of others in desperate circumstances, whom the hopes of gain, and the security of living safe from the prosecutions of their defrauded creditors, allured from all parts of the kingdom", agus cha robh dragh aig an riaghaltas luchd-brathaidh fhastadh nam measg.

An dèidh Ath-stèidheachadh a' Chrùin, thog an Seanailear MacAoidh dùn eile air an do chuir e ainm Rìgh Uilleim. Chaidh am baile ath-ainmeacheadh mar Bhorgh Màiri, an dèidh bean an rìgh, an àite Borgh Ghòrdain, an t-ainm a bh' air o thùs. Chaidh a mhilleadh ri linn ar-a-mach 1745, oir is gum biodh e na b' fhasa an dùn a dhìon, ach chaidh a thogail a-rithist. Nuair a chaidh oighreachd nan Gòrdanach a reic ri Sir Donnchadh Camshron, dh'fheuch e ri ainm a' bhaile atharrachadh gu Baile Dhonnchaidh, ach cha deach leis. B'e "An Gearasdan" a bh' aig muinntir an àite air riamh, agus b' e sin an t-ainm a mhair.

Ann an 1884, reic Oifis a' Chogaidh an dùn do dh'Alasdair Caimbeul, fear Magh Eadh. Thug Achd Pàrlamaid air a' bhean aige an dùn a reic ann an 1889, gus àite a dhèanamh dhan rathad-iarainn a bhathar an dùil a thogail air taobh an iar na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta West End - An Gearasdan

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

1950an

cairtean; taighean-òsta, dùin, gearasdain, lochan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection