Ùrachadh mu Dheireadh 10/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta na h-Impireachd, Gearasdan Inbhir Lòchaidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0029
ÀITE
An Gearasdan
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31912
KEYWORDS
cairtean
taighean-òsta, gearasdain
lochan
Imperial Hotel, Fort William

Tha a' chairt seo, a nochd anns na 1960an, a' sealltainn Taigh-òsta na h-Impireachd anns a' Ghearasdan. Tha e ann am meadhan a' bhaile, agus gheibhear deagh shealladh bhuaithe air an Dubh-Linn.

Bhruidhinn Pàrlamaid na h-Alba an toiseach ann an 1597 air baile a stèidheachadh ann an Loch Abar, ach 's ann ri linn
co-fhlaitheas Cromwell a thog an Seanailear Monk dùn ann eadar 1654 agus 1655. 'S e Inbhir Lòchaidh an t-ainm a bh' air an toiseach, agus bha gearasdan de 2000 saighdear ann, a bharrachd air luchd-obrach, luchd-frithealaidh, mnathan agus clann a chaidh a dh'fhuireach ann am baile beag faisg air an dùn. Tha an leabhar-cuimhneachain aig Sir Eòghainn Camshron ag innse gun deach an àireamh dhaoine am meud "by the accession of others in desperate circumstances, whom the hopes of gain, and the security of living safe from the prosecutions of their defrauded creditors, allured from all parts of the kingdom", agus cha robh dragh aig an riaghaltas luchd-brathaidh fhastadh nam measg.

An dèidh Ath-stèidheachadh a' Chrùin, thog an Seanailear MacAoidh dùn eile air an do chuir e ainm Rìgh Uilleim. Chaidh am baile ath-ainmeacheadh mar Bhorgh Màiri, an dèidh bean an rìgh, an àite Borgh Ghòrdain, an t-ainm a bh' air o thùs. Chaidh a mhilleadh ri linn ar-a-mach 1745, oir is gum biodh e na b' fhasa an dùn a dhìon, ach chaidh a thogail a-rithist. Nuair a chaidh oighreachd nan Gòrdanach a reic do Shir Donnchadh Camshron, dh'fheuch e ri ainm a' bhaile atharrachadh gu Baile Dhonnchaidh, ach cha deach leis. B'e "An Gearasdan" a bh' aig muinntir an àite air riamh, agus b' e sin an t-ainm a mhair

Ann an 1884, reic Oifis a' Chogaidh an dùn do dh'Alasdair Caimbeul, fear Magh Eadh. Thug Achd Pàrlamaid air a' bhean aige an dùn a reic ann an 1889, gus àite a dhèanamh dhan rathad-iarainn a bhathar an dùil a thogail ann an taobh an iar na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta na h-Impireachd, Gearasdan Inbhir Lòchaidh

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

1960an

cairtean; taighean-òsta, gearasdain; lochan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection