Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An caisteal am Bun Ilidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0037
ÀITE
Bun Ilidh
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Cill Donnain
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31920
KEYWORDS
cairtean
caistealan
murtan
Helmsdale Castle

Tha a' chairt seo a' sealltainn a' chaisteil am Bun Ilidh.

Bha sealladh barraichte aig a' chaisteal air mullach bràighe aig beul Abhainn Ilidh. Tha e air a ràdh gun deach a thogail ann an 1488 le 7mh Ban-Iarla Chataibh, agus gun deach a chàradh agus a leasachadh le Sir Alastair Gòrdan, Neimheadal, ann an 1616.

Ann an 1567, chaidh Iarla Chataibh agus a bhean a phuinnseanachadh le Iseabail Nic na Ceàrdaich, 's i ag amas gum biodh an gille aice fhèin a' dol na Iarla. Dh'fheuch i ris am mac aca a mharbhadh cuideachd, ach b' e am mac aice fhèin a dh'òl am puinnsean, agus a fhuair bàs. Chuir i às dhi fhèin, mun d'fhuaireadh cothrom a cur gu bàs.

Chan eil sgeul air a' chaisteal a-nis. Thugadh an tobhta air falbh ann an 1970 gus àite a dhèanamh do rathad ùr agus drochaid. Thogadh carragh-chuimhne anns a' phàirc-chàraichean faisg air an làraich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An caisteal am Bun Ilidh

CATAIBH: Cill Donnain

1920an

cairtean; caistealan; murtan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection