Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Inbhir Garadh (a-nis Taigh-òsta Chaisteil Ghleanna Garadh)
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0039
ÀITE
Inbhir Garadh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31922
KEYWORDS
cairtean
taighean mòra
taighean-òsta
caistealan
batail
Invergarry House (now Glengarry Castle Hotel)

Tha an dealbh seo a' sealltainn Taigh-òsta Chaisteil Ghleanna Garadh, air an robh an t-ainm Taigh Inbhir Garadh aig aon àm, suidhichte air cladach Loch Omhaich.

Chaidh an taigh mòr seo a thogail eadar 1866 is 1869 airson an uachdarain is an neach-poileataigs Edward Ellice (1810-1880), agus chaidh a dhealbhadh leis an ailtire David Bryce. Chaidh stàball a dhealbhadh le J. Macvicar Anderson agus a chur ris ann an 1875-76.

Na sheasamh air 'Creag an Fhithich' tha Caisteal Inbhir Garadh, làrach seann taigh tùir bhon t-seachdamh linn deug, cathair Chlann Mhic Dhòmhnaill Ghleanna Garadh, meur de Chlann Dòmhnaill a bha aithnichte mar Chlann Raghnaill Chnòideart agus Ghleanna Garadh. Chaidh Caisteal Inbhir Garadh a chur na theine agus a mhilleadh leis an t-Seanailear Monk ann an 1654, chaidh a dhèanamh suas às ùr le Raibeart MacNeacail timcheall air 1670, ach chaidh a mhilleadh agus a chàradh a-rithist às dèidh ar-a-mach 1715 agus 1745. Ghabh am Prionnsa Teàrlach fasgadh ann às dèidh Blàr Chùil Lodair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Inbhir Garadh (a-nis Taigh-òsta Chaisteil Ghleanna Garadh)

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

1900an

cairtean; taighean mòra; taighean-òsta; caistealan; batail

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha an dealbh seo a' sealltainn Taigh-òsta Chaisteil Ghleanna Garadh, air an robh an t-ainm Taigh Inbhir Garadh aig aon àm, suidhichte air cladach Loch Omhaich.<br /> <br /> Chaidh an taigh mòr seo a thogail eadar 1866 is 1869 airson an uachdarain is an neach-poileataigs Edward Ellice (1810-1880), agus chaidh a dhealbhadh leis an ailtire David Bryce. Chaidh stàball a dhealbhadh le J. Macvicar Anderson agus a chur ris ann an 1875-76.<br /> <br /> Na sheasamh air 'Creag an Fhithich' tha Caisteal Inbhir Garadh, làrach seann taigh tùir bhon t-seachdamh linn deug, cathair Chlann Mhic Dhòmhnaill Ghleanna Garadh, meur de Chlann Dòmhnaill a bha aithnichte mar Chlann Raghnaill Chnòideart agus Ghleanna Garadh. Chaidh Caisteal Inbhir Garadh a chur na theine agus a mhilleadh leis an t-Seanailear Monk ann an 1654, chaidh a dhèanamh suas às ùr le Raibeart MacNeacail timcheall air 1670, ach chaidh a mhilleadh agus a chàradh a-rithist às dèidh ar-a-mach 1715 agus 1745. Ghabh am Prionnsa Teàrlach fasgadh ann às dèidh Blàr Chùil Lodair.