Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal air Loch an Eilean
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0044
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31927
KEYWORDS
càirtean-puist
làraichean
caistealan làraichte
Castle on Loch an Eilean

Tha a' chàirt-phuist seo, bho anmoch san 20mh linn a' sealltainn larach a' chaisteail air an eilean àlainn ann an Loch an Eilein, anns an t-seann ghiùthsaich air Oighreachd Ràta Mhurchais.

Tha e coltach gun do thogadh e le Alasdair Stiùbhart, Madadh Bhàideanaich, anns a' 14mh linn agus tha buithit, talla, togalaichean eile agus lios beag ann. Thugadh an caisteal thairis do Chlann an Tòisich, an uair sin do na Gordanaich agus an uair sin ann an 1567 do na Granndaich. Thug na Seumasaich ionnsaigh air a' chaisteal an dèidh a' chall aig Crombail ann an 1690 agus bha daoine a' fuireach anns a'chaisteal airson an turais mu dheireadh ann an 1715 nuair a chumadh Mac An Toisich à Bile an Easbaig an sin gus stad a chur bho bhith a' dol an aghaidh nan Seumasach. Bha an caisteal uaireigin ceangailte ris a'chladach le cabhsair.

Tha iolairean-iasgaich air a bhith a' neadachadh anns a' chaisteal agus ag iasgach air an loch. Tha slighe-nàdair mu chuairt an locha, pàirt dhi a' leanntainn Rathad nam Meirleach air an robh crodh, a bha air an goid à Siorrachd Moireibh, air an iomain gu Loch Abar

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal air Loch an Eilean

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

càirtean-puist; làraichean; caistealan làraichte

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chàirt-phuist seo, bho anmoch san 20mh linn a' sealltainn larach a' chaisteail air an eilean àlainn ann an Loch an Eilein, anns an t-seann ghiùthsaich air Oighreachd Ràta Mhurchais.<br /> <br /> Tha e coltach gun do thogadh e le Alasdair Stiùbhart, Madadh Bhàideanaich, anns a' 14mh linn agus tha buithit, talla, togalaichean eile agus lios beag ann. Thugadh an caisteal thairis do Chlann an Tòisich, an uair sin do na Gordanaich agus an uair sin ann an 1567 do na Granndaich. Thug na Seumasaich ionnsaigh air a' chaisteal an dèidh a' chall aig Crombail ann an 1690 agus bha daoine a' fuireach anns a'chaisteal airson an turais mu dheireadh ann an 1715 nuair a chumadh Mac An Toisich à Bile an Easbaig an sin gus stad a chur bho bhith a' dol an aghaidh nan Seumasach. Bha an caisteal uaireigin ceangailte ris a'chladach le cabhsair.<br /> <br /> Tha iolairean-iasgaich air a bhith a' neadachadh anns a' chaisteal agus ag iasgach air an loch. Tha slighe-nàdair mu chuairt an locha, pàirt dhi a' leanntainn Rathad nam Meirleach air an robh crodh, a bha air an goid à Siorrachd Moireibh, air an iomain gu Loch Abar