Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Asainte agus Caisteal Aird Bhreac
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0045
ÀITE
Àird Bhreac
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31928
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
caistealan
aitreabhan
Loch Assynt and Ardvreck Castle

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Loch Asainte agus Caisteal Aird Bhreac. 'S e Taigh Chalda a th' anns an taigh ann an aghaidh na deilbh a tha na thobhta.

Tha tobhta a' chaisteil air leth-eilean beag air Loch Asainte faisg air Innis nan Damh.

Thathar a' creidsinn gun deach an caisteal a thogail anmoch anns na 1500an leis a' Chlann MhicLeòid a bha air smachd a ghabhail ann an sgìre Asainte anns an 13mh linn. Ann an 1650 chaidh Seumas Greumach, Marquis Montrose, a ghlacadh agus a chur anns a' phrìosan ann an Caisteal Aird Bhric mus deach a thoirt a Dhùn Èideann far an deach a chrochadh. Fhuair a' Chlann Mhic Choinnich an caisteal na b' fhaide air adhart aig an robh aitreabh eile, Taigh Chalda a bha faisg air làimh. Chaidh Taigh Chalda agus Caisteal Aird Bhric a mhilleadh le teintean anns an 18mh linn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Asainte agus Caisteal Aird Bhreac

CATAIBH: Asaint

1900an

cairtean-puist; lochan; caistealan; aitreabhan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Loch Asainte agus Caisteal Aird Bhreac. 'S e Taigh Chalda a th' anns an taigh ann an aghaidh na deilbh a tha na thobhta.<br /> <br /> Tha tobhta a' chaisteil air leth-eilean beag air Loch Asainte faisg air Innis nan Damh.<br /> <br /> Thathar a' creidsinn gun deach an caisteal a thogail anmoch anns na 1500an leis a' Chlann MhicLeòid a bha air smachd a ghabhail ann an sgìre Asainte anns an 13mh linn. Ann an 1650 chaidh Seumas Greumach, Marquis Montrose, a ghlacadh agus a chur anns a' phrìosan ann an Caisteal Aird Bhric mus deach a thoirt a Dhùn Èideann far an deach a chrochadh. Fhuair a' Chlann Mhic Choinnich an caisteal na b' fhaide air adhart aig an robh aitreabh eile, Taigh Chalda a bha faisg air làimh. Chaidh Taigh Chalda agus Caisteal Aird Bhric a mhilleadh le teintean anns an 18mh linn