Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Gòrdan Noble mu bheatha teaghlaich rè àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF02_TRACK05_NOBLE
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Gordon Noble
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3193
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
claistinneach

Get Adobe Flash player

Nuair a thàinig air teaghlach Ghòrdain Noble gluasad o Inbhir Theòrsa gu Sheffield san Dàrna Cogadh, chaidh an sgaradh o chèile.

Dè a' bhuaidh a bh' aig a' chogadh oirbh fhèin agus air an teaghlach agaibh?

Uill, bha mise, bha sinne ann an Sheffield aig àm a' chogaidh, 's mar sin bha sinn dealaichte, agus air sàillibh sin bha na boireannaich leotha fhèin, mar a bha a h-uile duine eile a dh'fheumadh teaghlaichean a thogail nan aonar. Ar n-athair an uairsin, chaidh esan dhan Ghearmailt. Bha esan ann am Belsen nuair a bha Josef Kramer agus Irma Grese agus an leithid ann, agus mar sin bha dealachadh ann. Cuideachd, co-ogha mo mhàthair, chaidh esan a mharbhadh air soitheach. Tha an soitheach air an robh e san Legion an-dràsta - am fear mòr - an Norfolk, ach dh'fhàg e am bàta sin agus chaidh e air fear eile, destroyer, agus bhuail soitheach-catha Breatannach a-steach dhan fhear sin agus chaidh a chall. Agus sa Chiad Chogadh chaidh co-ogha eile a mharbhadh. Chan eil mi cinnteach an e Givenchy no Givenches a th' ann sa Fhraing agus bha am batal mòr an sin. Agus bha e air breug innse mu aois gus am faodadh e falbh dhan chogadh, mar a rinn mòran de na gillean an uarsin. 'S mar sin bha sgaradh ann, bha teaghlaichean leotha fhèin.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Gòrdan Noble mu bheatha teaghlaich rè àm a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)