Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-Òsta Royal Marine, Inbhir Narann
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0050
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31933
KEYWORDS
cairtean
taighean-òsta
Royal Marine Hotel, Nairn

Tha a' chairt seo a' sealltainn cùl an taigh-òsta "Royal Marine" ann an Inbhir Narann, baile far am bi mòran a' dol air saor-làithean.

B' e an Dotair Griogair, a bha na phròbhaist is na lighiche, agus a dh'fhàg mòran dhe bheartas aig muinntir Inbhir Narann, a smaoinich o thùs gum bu chòir taigh-òsta airson teaghlaichean a bhith air a thogail. Chaidh a dhealbhachadh leis an ailtire Seumas Matthews, agus chaidh a thogail air a' mhachair phoblach, ann an àite far an robh sàr shealladh tarsainn Linne Mhoireibh. Bha amar-snàmh de shàl ann a bha fosgailte do gach neach fad na bliadhna.

Chosg e £2800 ri thogail. Chaidh a leudachadh ann an 1867 agus 1890 le John Gall, agus a-rithist ann an 1934 le Carruthers, Ballantyne, Cox and Taylor.

Fhuair an taigh-òsta ceangal ris an teaghlach rìoghail nuair a chuir am Prionnsa Christian agus a Bhana-Prionnsa seachad oidhche ann, is iad air cuairt ghoirid gu Inbhir Narann. B' i a' Bhana-Phrionnsa Helena, an còigeamh neach dhen teaghlach a bh' aig a' Bhanrigh Bhictoria is a cèile, am Prionnsa Albert.

Leagadh an taigh-òsta anns na 1990an, agus chaidh taighean-còmhnaidh a thogail na àite

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-Òsta Royal Marine, Inbhir Narann

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

cairtean; taighean-òsta

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection