Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Dath Clòimh ann am Port nan Long
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0057
ÀITE
Port nan Long
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31943
KEYWORDS
cairt, croitearachd, aodach, A' Chiad Chogadh,
An Dara Cogadh
Dyeing Wool at Portnalong

Sa chairt-phuist seo chithear Màiri Fhearaghasdan a' dathadh cloimh air a croit ann am Port nan Long san Eilean Sgitheanach sna meadhan-1920an.

Mus rachadh a' chlòimh a shnìomh dh'fheumte uaireannan a dath. An dèidh a nighe gu math, bhiodh a' chlòimh air a cur ann am poit mhòir le uisge a bha goil, agus dath. Rachadh a ghoil fad dà uair an uaireadair gus leigeil leis an dath drùdhadh. Bhiodh dathan nadarra on sgìre pailt agus furasta ri lorg, ach bhiodh dathan à tìrean eile, mar eisimpleir gorm (indigo) agus pinc (cochineal), cuideachd air an cleachdadh. Tha fianais ann gun robhar a cleachdadh dathan à tìrean eile ann am pailteas, cho fad air ais ri àm ar-a-mach nan Seumasach.

Tha baile bòidheach Port nan Long air taobh an iar Loch Hàrport, air costa an iar an Eilein Sgitheanaich. An dèidh cogadh 1914-18, ghluais Bòrd an Àiteachais grunn teaghlachan o Leòdhas, Na Hearadh agus Scalpaigh anns an robh sluagh ro mhòr, gu fearann na bu torraiche air oir Loch Hàrport. Fhuair gach teaghlach 15-20 acair, 3 mairt, agus roinn de dh'ionaltradh anns an robh 4000 acair air fad. Le bhith ceangal croitearachd, iasgach agus fighe, bha beòshlaint gu math na b' fheàrr aig na daoine na bh' aca nan tìr fhèin.

Gus 1939 chumadh Fèill gach bliadhna ann am Port nan Long gus fighe a chreic. An dèidh Cogadh Hitler dh'ath-bheòthaicheadh an gnìomhachas agus lorgadh margaidhean mòra gu sònraichte anns na Stàitean Aonaichte is Iapàn. Gu mì-fhortanach, chrìon a' phrothaid agus chaidh an gnìomhachas a dhìth ann an 1968

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Dath Clòimh ann am Port nan Long

INBHIR NIS: Bracadal

1920an; 1930an

cairt, croitearachd, aodach, A' Chiad Chogadh,
An Dara Cogadh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection