Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' fighe clòimh ann am Port nan Long
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0059
ÀITE
Port nan Long
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31945
KEYWORDS
cairtean
croitearachd
aodach
A' Chiad Chogadh
An Dara Cogadh
Making the Tweed at Portnalong

Sa chairt-phuist seo chithear Màiri Fhearaghasdan a' fighe clò air a croit ann am Port nan Long san Eilean Sgitheanach sna meadhan-1920an.

Tha baile bòidheach Port nan Long air taobh an iar Loch Hàrport, air costa an iar an Eilein Sgitheanaich. An dèidh cogadh 1914-18, ghluais Bòrd an Àiteachais grunn teaghlachan o Leòdhas, Na Hearadh agus Scalpaigh anns an robh sluagh ro mhòr, gu fearann na bu torraiche air oir Loch Hàrport. Fhuair gach teaghlach 15-20 acair, 3 mairt, agus roinn de dh'ionaltradh anns an robh 4000 acair air fad. Le bhith ceangal croitearachd, iasgach agus fighe, bha beòshlaint gu math na b' fheàrr aig na daoine na bh' aca nan tìr fhèin.

Gus 1939 chumadh Fèill gach bliadhna ann am Port nan Long gus fighe a chreic. An dèidh Cogadh Hitler dh'ath-bheòthaicheadh an gnìomhachas agus lorgadh margaidhean mòra gu sònraichte anns na Stàitean Aonaichte is Iapàn. Gu mì-fhortanach, chrìon a' phrothaid agus chaidh an gnìomhachas a dhìth ann an 1968

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' fighe clòimh ann am Port nan Long

INBHIR NIS: Bracadal

1920an; 1930an

cairtean; croitearachd; aodach; A' Chiad Chogadh; An Dara Cogadh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear Màiri Fhearaghasdan a' fighe clò air a croit ann am Port nan Long san Eilean Sgitheanach sna meadhan-1920an. <br /> <br /> Tha baile bòidheach Port nan Long air taobh an iar Loch Hàrport, air costa an iar an Eilein Sgitheanaich. An dèidh cogadh 1914-18, ghluais Bòrd an Àiteachais grunn teaghlachan o Leòdhas, Na Hearadh agus Scalpaigh anns an robh sluagh ro mhòr, gu fearann na bu torraiche air oir Loch Hàrport. Fhuair gach teaghlach 15-20 acair, 3 mairt, agus roinn de dh'ionaltradh anns an robh 4000 acair air fad. Le bhith ceangal croitearachd, iasgach agus fighe, bha beòshlaint gu math na b' fheàrr aig na daoine na bh' aca nan tìr fhèin.<br /> <br /> Gus 1939 chumadh Fèill gach bliadhna ann am Port nan Long gus fighe a chreic. An dèidh Cogadh Hitler dh'ath-bheòthaicheadh an gnìomhachas agus lorgadh margaidhean mòra gu sònraichte anns na Stàitean Aonaichte is Iapàn. Gu mì-fhortanach, chrìon a' phrothaid agus chaidh an gnìomhachas a dhìth ann an 1968