Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0063
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31950
KEYWORDS
cairtean
taighean-òsta
calachan
Portree, Isle of Skye

Tha a' chairt seo, a nochd mu mheadhan an 20mh linn, a' sealltainn Port Rìgh anns an Eilean Sgitheanach.

Tha taighean Beaumont Crescent ann an sreath air beulaibh a' chala, agus an Royal Hotel air a' chnoc os an cionn. Rinneadh ath-thogail air an taigh-òsta ann an 1878, agus a-rithist ann an meadhan an 20mh linn, an dèidh droch theine.

B' e "Kiltraglen" a b' ainm dhan bhaile o thùs. Chaidh ath-ainmeachadh Port Rìgh nuair a thàinig Rìgh Seumas V air chuairt ann, ann an 1540, 's e a' sireadh taic bho na cinnidhean san eilean. Dh' fhàs am baile gu luath, agus ann an ùine ghoirid b' e prìomh bhaile an Eilein Sgitheanaich.

Chaidh an cala a dhealbhachadh le Thomas Telford eadar 1818 agus 1820

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

cairtean; taighean-òsta; calachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection