- TIOTAL
- Taigh Sgeubost, agus Loch Sniothasort
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_0064
- ÀITE
- Sgeabost
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Snìothasort
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31951
- KEYWORDS
- cairtean
taighean
taighean-òsta
lochan
aibhnichean

Tha a' chairt seo, a nochd mu 1912, a' sealltainn Taigh Sgeubost agus Loch Sniothasort.
Tha taigh air a' chnoc air taobh eile an locha, air a chomharrachadh le crois. A rèir na tha sgrìobhte air cùl na cairt 's e "An Tobhta" as ainm dha.
Tha Taigh Sgeubost air Abhainn Sniothasort, aig ceann Loch Sniothasort, loch mara air taobh an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich. Tha e 6 mìle à Port Rìgh. Thog na Dòmhnallaich e an toiseach ann an 1850 mar loidse seilg, ach rinneadh e na bu mhotha, agus chuir an t-ailtire Alexander Ross crìoch air an obair ann an 1871. Tha e air a bhith na thaigh-òsta o chionn iomadh bliadhna.
Tha iasgairean gu math dèidheil air Abhainn Sniothasort, an abhainn as fhaide anns an Eilean Sgitheanach. Ann an 1539, chunnacas grunn de chinn san abhainn, an dèidh blàir eadar na Dòmhnallaich agus na Leòdaich.
Rugadh Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) ann an Sgeubost ann an 1821