Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid an t-Seanalair Wade, Drochaid an Aonachain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0065
ÀITE
Drochaid an Aonachain
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31952
KEYWORDS
cairtean-puist
drochaidean
Seumasaich
General Wade's Bridge, Spean Bridge

Tha a' chairt-phuist seo o 1941 a' sealltainn Drochaid an t-Seanalair Wade aig Drochaid an Aonachain.

Air aithneachadh mar an Drochaid Àrd, chaidh an drochaid seo thairis air Abhainn Spiothain a thogail an 1736 mar phàirt de sgeama rathaidean an airm a thogail airson an riaghaltais, agus an Seanalair Wade an ceann chùisean.

'S e sàr innleadaireachd a rinn togail na drochaid. Tha I 80tr os cionn an uisge agus bha na trì boghannan de leud 40tr, 50tr agus 40troigh.

'S ann an seo aig an Drochaid Àrd a chaidh a' chiad pheilear a chur ann an ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Choinnich Dòmhnall MacDhòmhnaill o Thirnadris ri aon duine deug de dh'fhir na Ceapaich agus pìobaire aig an taigh-seinnse aig an Drochaid Àrd gus an cuireadh iad stad air adhartas dà chompanaidh de shaighdearan nan Albannach Rìoghail. Gus toirt air na dearganaich smaoineachadh gu robh an t-àite air a dhìon gu làidir, chluich am pìobaire cho mòr 's a b' urrainn dha agus sgaoil na daoine am measg nam preasan a' dèanamh tòrr starbhain agus coileid. Theich na saighdearan dearga ach an uair sin nochd tuilleadh de dh'fhir na Ceapaich agus rinn iad às an dèidh. Chaidh coignear dhearganach am marbhadh agus chaidh an fheadhainn eile an leòn no ghèill iad

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid an t-Seanalair Wade, Drochaid an Aonachain

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

1940an

cairtean-puist; drochaidean; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection