Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad Grampian, An Aghaidh Mhòr
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0068_AT
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
31956
KEYWORDS
bailtean beaga
turasachd
rèile
Grampian Road, Aviemore

San dealbh-chamara seo chithear an t-sràid mhòr - Rathad Grampian - san Aghaidh Mhòir, tuath air meadhan a' bhaile.

Tha An Aghaidh Mhòr air a bhith ann o na 1600an ach cha robh ann ach a dhà no trì thaighean agus taigh-seinnse gus an tàinig an rèile ann an 1862. Ach ann an 1892, le loidhnichean a' dol gu Inbhir Nis, Peairt agus Farrais, 's e ceangal glè chudromach a bh' ann. Dh'fhàs e luath, an toiseach na bhaile-fuirich do luchd-obrach na rèile ach an uair sin na àite do na daoine beartach a bha ri sealg agus iasgach.

Sna 1960an thòisich ath-leasachadh eile sa bhaile bheag shàmhach seo. Nuair a dh'fhosgail ionad sgithidh air a' Mhonadh Ruadh, 8 mìle air falbh ann an 1961 agus an uair sin ionad sònraichte airson saor-laithean ann an 1964, 's ann a dh'fhàs e na bu mhotha buileach. Ach cha do sheas na togalaichean cruadhtain, air an robh ailtirean an là ud cho dèidheil, agus tha an t-ionad a-nis ga ath-thogail.

An-diugh tha an t-àite a' frithealadh luchd-turais fad na bliadhna agus taghadh mòr de spòrs a-muigh ri fhaighinn ann. 'S e àite sònraichte gun choimeas a tha sa Mhonadh Ruadh, a' phàirc nàiseanta as motha ann am Breatainn, le beanntan fuaraidh, fuigheall na seann ghiuthsaich Chailleannaich, aibhnichean, lochan agus glinn, agus tha e na dhachaigh do dh'iomadh gnè eòin, bheathaichean agus lusan a tha ann an cunnart.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad Grampian, An Aghaidh Mhòr

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

2000an

bailtean beaga; turasachd; rèile